BBC Naidheachdan

Draghan a' leantainn mu aiseagan Ìle

Published
image captionDh'aidich CalMac gu bheil an obair air an Hebridean Isles a' toirt nas fhaide na bha dùil

Tha muinntir Ìle a' gearain gu bheil trioblaidean le seirbheisean aiseig fhathast a' cur màill air eaconomaidh an eilein.

Chaidh an Hebridean Isles a thoirt air falbh airson a càradh às dèidh dhith bualadh anns a' chidhe ann an Ceann na Creige bho chionn cola-deug.

Dh'fhàg sin nach robh ach an MV Finlaggan a' ruith eadar Ceann na Creige agus Ìle fad seachdainn.

Chuir CalMac an t-aiseag bathair, an MV Red Princess, air an t-slighe bhon uair sin ach chan urrainn dhith-se luchd-coise a thoirt leatha.

Tha luchd-gnìomhachais draghail mun bhuaidh a th' aig na h-atharrachaidhean seo orra-san - 's gu h-àraidh an teas mheadhan seusan na turasachd.

Thuirt fear-labhairt na companaidh aiseig gu bheil an obair a tha dhìth air an Hebridean Isles toinnte, agus gu bheil i a' toirt nas fhaide na bha dùil.

'S e sàbhailteachd, thuirt iad, a dh'fheumas iad a chuir air thoiseach air a h-uile càil eile.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

  • Iarrtas son bàta-bathair do dh'Ìle

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh