Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

5 An Lùnasdal 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

RBS

Thuirt Àrd Oifigeach Bhanca Rìoghail na h-Alba, Ross McEwan, gur e seann trioblaidean a tha iad fhathast a' feuchainn ri chuir ceart as coireach gu robh call de chòrr 's dà billean not orra air a' chiad leth den bhliadhna. Tha am figear sin a' gabhail a-steach billean not a thug RBS air ais dhan Riaghaltas mar phàirt den aonta fon deach cobhair a dhèanamh air a' bhanca le airgead na stàit.

Riadh

Chaidh leas-riaghladair Bhanca Shasainn às àicheadh gu bheil poileasaidh 'son an eaconomaidh a chuideachadh, an leithid gearradh ìre an rèidh an-dè, a'cuir an eagail air daoine, an dèidh na bhòt 'son Breatainn a thoirt a-mach às an Aonadh Eòrpach. Thuirt Ben Broadbent gu bheil fianais gu leòr ann gu bheil an eaconomaidh cugallach agus thuirt e gun do rinn am banca an rud ceart.

Nissan

Thuirt ceannard Nissan gu bheil na thachras aig factaraidh mhòr chàraichean na buidhne ann an Sunderland, far a bheil seachd mile duine ag obair, an crochadh gu mòr air na còmhraidhean 'son Breatainn a' thoirt a-mach às an Aonadh Eòrpach. Ach thuirt Carlos Ghosn gu bheil e gu math cinnteach gum bidh pàirt mhòr fhathast aig an Rìoghachd Aonaichte ann am malairt ris an EU .

SNP

Tha a h-uile coltas gur e ceathrar a tha a' seasamh 'son na dreuchd mar leas cheannard air an SNP agus an ùine 'son tighinn air adhart air dùnadh aig naoi uairean sa mhadainn an-diugh. 'S iad sin Aonghas Robasdan, Tommy Sheppard, Alyn Mac a' Ghobhainn agus Chris McEleny. Tòisichidh am bhòtadh air an ath-mhìos le co-dhùnadh aig co-labhairt an SNP anns an Dàmhair.

Croitearachd

Cha tuirt Rùnaire na h-Eaconomaidh Dùthchail, Fearghas Ewing, an tèid iarraidh air fear-gairm Choimisean na Croitearachd, Cailean Ceanadach, a dhreuchd fhàgail an dèidh na connspaid eadar an Coimisean agus comataidhean ionaltraidh. Cha chanadh Mgr Ewing ach gu bheil e a' bruidhinn ris a' Choimisean mu na rudan a thachair bho chionn ghoirid.

Taighean-croite

Tha fear-gairm Chomhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach, ag ràdh gum feum coimhead às ùr air an taic-airgid do chroitearan 'son taighean a thogail. Dh'innis Riaghaltas na h-Alba an-dè gun tèid còrr 's £700,000 a roinn eadar aona chroitear thar fhichead air feadh na Gàidhealtachd ach tha Tormod Dòmhnallach ag ràdh, ged a tha sin math na dhòigh fhèin, gu bheil na riaghailtean a thaobh cò tha airidh air taic fada ro theann.

Rio

Tha an t-ullachadh ann am Braisil 'son fosgladh oifigeal nan Olympics ann an Rio a-nochd. Thàinig dearbhadh an-diugh gu bheil cead aig 271 Ruiseanach pàirt a ghabhail anns na geamaichean - sin dà thrian den àireamh a bh' air an liosta sa chiad dol a-mach, a dh'aindeoin na h-athaisg a thuirt gu robh na ceudan dhen na farpaisich Ruiseanach a' gabhail dhrugaichean mì-laghail, le taic na stàit.