Clàr-ola air tighinn air tìr an Leòdhas

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Bhideo den chlàr-ola.

Chaidh clàr-ola air tìr faisg air Càrlabhagh air taobh siar Leòdhais.

Thàinig an clàr-ola, anns a bheil 17,000 tonna de chuideam, air tìr air creagan aig tràigh Dhail Mhòir.

Bha an Transocean Winner ga shlaodadh far taobh siar Leòdhais is e air an t-slighe bho Nirribhidh gu Malta.

Dh'fhalbh an loidhne leis an Alp Forward, a bha ga shlaodadh, mu 04.20m Diluain.

Chaidh an clàr-ola air tìr mu 06.50m.

Thuirt Maor-Cladaich Steòrnabhaigh nach robh duine air a' chlàr-ola is nach eil beatha ann an cunnart.

Rabhadh

Thuirt iad gum bu chòir do dhaoine cumail air falbh bhon làraich an-dràsta.

Bha 280 tonna meadrach de dhiesel air a' chlàr-ola ,còrr is 70,000 galan.

Thuirt a' chompanaidh Transocean, leis a bheil an clàr-ola, nach d' fhuair iad duine dhan làraich fhathast.

Dh'innis iad gu bheil sgiobaidhean teicnigeach ag obair air plana gus an clàr a ghluasad, ach nach eil fios aca aig an ìre seo cùine thachras e.

Tha an gnothach mar tha air ceist às ùr a thogail mu bhàta-slaodaidh air a' chosta an iar.

An-dràsta, tha am bàta-slaodaidh a th' ann stèidhichte air a' chosta a tuath.

Cobhair

Ràinig am bàta-slaodaidh taobh siar Leòdhais feasgar Diluain.

Thuirt dithis de chomhairlichean nan Eilean Siar, Dòmhnall Manford is Coinneach MacLeòid, mar tha Diluain gum feum bàta-slaodaidh a bhith stèidhichte air a' chosta an iar cuideachd.

Tha BP na sgìre, Aonghas MacNìll, cuideachd ag ràdh gu bheil an tubaist a' sealltainn cho riatanach sa tha bàta-slaodaidh air a' chost an iar.

Dh'iarr e rannsachadh riaghaltais cuideachd air ciamar a thachair an tubaist.

Tha Buidheann Rannsachaidh nan Tubaistean Mara air sgrùdadh a thòiseachadh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo