Connspaid ùr mu phoileasaidh na Sàbaid
- Air fhoillseachadh

Tha luchd-iomairt ag iarraidh air Comhairle nan Eilean Siar am poileasaidh a thaobh na Sàbaid atharrachadh agus connspaid air èirigh mun taigh-bìdh ùr ann an Caisteal Leòdhais.
Tha an taigh-bìdh - mar gu leòr eile ann an Steòrnabhagh - fosgailte seachd là san t-seachdain.
'S ann le Comhairle nan Eilean Siar a tha an togalach, ge-tà, is poileasaidh aca na goireasan aca a bhith dùinte air an t-Sàbaid.
Tha feadhainn a-nise ag ràdh gum bu chòir na goireasan sin, leithid ionadan spòrs, a bhith fosgailte mar a tha an taigh-bìdh.
"Tha mi a' smaoineachadh gur e rud math a th' ann gu bheil e gu bhith fosgailte, tha daoine ag iarraidh goireasan mar sin a bhith fosgailte Là na Sàbaid", thuirt Uisdean MacLeòid, a tha fad bhliadhnaichean air a bhith ag iomairt 'son is gum goireasan fosgailte Là na Sàbaid.
"S e leth den deireadh-sheachdain a th' ann is tha daoine a-muigh a' dèanamh rudan leis an teaghlach, tha e math gu bheil àite ann a gheibh thu air a dhol ann 'son copan teatha na cofaidh fhaighinn", thuirt e.
Goireasan eile
A rèir Mhgr MhicLeòid, feumaidh Comhairle nan Eilean Siar a-nise sùil eile a thoirt air na goireasan eile a th' aca.
"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil làn-thìde aca sùil a thoirt air a' phoileasaidh a th' aca a thaobh nan goireasan a bhith dùinte Là na Sàbaid.
"Tha e seann-fhasanta, chan eil e freagarrach 'son an t-saoghail a tha sinn a' fuireach ann agus 'son a' mhòr-chuid dha na dhaoine a tha a' fuireach an seo fhèin", thuirt e.
Thuirt Mgr MacLeòid gu bheil e "gun chiall" gum faod daoine a dhol gu taigh-òsta Là na Sàbaid ach gu bheil goireasan spòrs dùinte dhaibh.
Thàinig dìon làidir 'son poileasaidh an ùghdarrais bhon Urramach Iain D. Caimbeul bhon Eaglais Shaoir.
Thuirt Mgr Caimbeul nach eil adhbhar ann an taigh-bìdh ùr a bhith fosgailte Là na Sàbaid.
Àiteachan eile
"Tha fios agam gum feum daoine ithe is òl Là na Sàbaid ach saoilidh mi gu bheil gu leòr àiteachan bìdh fosgailte mar-thà, is nach eil feum sam bith air àite eile no goireas eile Là na Sàbaid", thuirt Mgr Caimbeul.
"Tha Là na Sàbaid air a bhith na charaid dhan eilean agus dhan choimhearsnachd, a' toirt cothrom dha daoine a bhith còmhla agus a bhith a' saoradh dhaoine bho a bhith ag obair air an t-Sàbaid.
"Gu ruige seo tha a' chomhairle air a bhith taiceil dhan dualchas a th' ann an sin. Tha sinne mar eaglais a' tighinn chun na ceist bho thaobh sgriobtaireil agus a thaobh an àithne a tha ag iarraidh oirrn Là na Sàbaid a chumail agus a ghlèidheadh, agus sin airson is gum bi còirichean dhaoine air an glèidheadh cuideachd agus gum faigh iad là fois tron t-seachdain", thuirt e.
Thuirt Mgr Caimbeul gu bheil e den bheachd a-nise gun toir Comhairle ann Eilean Siar sùil eile air a' phoileasaidh aca.
Dh'iarr e, ma thachras sin, gun toir iad feart dha gach beachd a gheibh iad.
"S e an iarrtas as motha a bhiodh agamsa gum bi a h-uile beachd anns a' choimhearsnachd, agus beachd na h-eaglaise am broinn sin, a' dol fa chomhair na comhairle agus gum bi iad a' dol air adhart a' glèidheadh eileamaid air leth prìseal dhan oighreachd agus dhan dualchas againn", thuirt e.