Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

8 An Lùnasdal 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Clàr-ola

Tha obair sàbhalaidh a' tòiseachadh an dèidh do chlàr-ola a dhol air na creagan faisg air Traigh Dhàil Mòr air taobh siar Leòdhais sa mhadainn an-diugh. Bha tug a' toirt a' chlàir, an Transocean Winner, sa bheil 17,000 tunna de chuideam, à Nirribhidh gu ruige Malta nuair a bhrist an loidhne ann an droch shìde. Thuirt na maor-chladaich nach robh duine air a' chlàr agus nach eil beatha ann an cunnart, ach dh'iarr air daoine fuireach air falbh bhon sgìre.

Na Làbaraich

Thuirt an Àrd-Chùirt gum faod còignear aig a bheil ballrachd às ùr anns a' Phàrtaidh Làbarach bhòtadh anns an taghadh eadar Jeremy Corbyn agus Owen Mac a' Ghobhainn airson ceannas a' phàrtaidh. Bha Àrd Chomataidh Nàiseanta nan Làbarach ag ràdh nach fhaodadh duine bhòtadh, mura biodh ballrachd fad sia mìosan aca ron 12mh den Iuchair. Tha a' Chomataidh Nàiseanta a-nise a' toirt na cùise gu Cùirt nan Ath-Thagraidhean.

Pacastan

Tha aithrisean ann gun deach còrr 's 50 duine a mharbhadh ann an spreadhadh ann an ospadal ann am Pacastan. Tha e coltach gun tug bomair fèin-mharbhteachd ionnsaigh air an ospadal ann an Quetta air taobh siar na dùthcha.

Béal Feirste

Chaidh duine a mharbhadh an dèidh losgadh air le gunna ann an ceann a tuath Bhéal Feirste. Bha John Boreland na bhall den bhuidhhinn Dhìlsich an UDA agus tha poilis anns an sgìre ag ràdh gun robh e cuideachd an sàs ann am farsaingeachd de dh'eucoir anns a' bhaile.

Brexit

Bidh còmhraidhean aig Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte anns na seachdainnean ri tighinn ri diofar bhuidhnean agus roinnean ann an Alba, mar àiteachas agus ola agus gas, mu bhuaidh a bhith a' fàgail an Aonaidh Eòrpaich. Thuirt Rùnaire na h-Alba, Dàibhidh Mundell, gu bheil e airson dèanamh cinnteach gu bheil gnothaichean na h-Alba aig cridhe nan còmhraidhean.

Poileasaidh Sàbaid

Tha luchd-iomairt ag ràdh gum feum Comhairle nan Eilean Siar am poileasaidh a thaobh na Sàbaid atharrachadh agus connspaid ann mun taigh-bìdh ùr ann an Caisteal Leòdhais a tha fosgailte seachd là san t-seachdain. Ged a tha coltas ann gun toir a' chomhairle sùil eile air a' phoileasaidh, tha an t-Urramach Iain D Caimbeul am measg na tha ag ràdh gum bu chòir dhaibh cùisean fhàgail mar a tha iad.

Geòidh

Chan eil cinnt ann fhathast am bi taic-airgid às ùr ann do sgeama spadaidh nan geadh ann an Leòdhas agus na Hearadh a chumail a' dol nuair a thig i gu ceann an ath-bhliadhna. Chaidh faisg air 3,000 gèadh glas a mharbhadh mar thà air a' chiad dà bhliadhna den sgeama pileat.