Clàr-ola air tìr ann an Leòdhas

  • Air fhoillseachadh
Clàr-ola

Chaidh clàr-ola air tìr aig Dàil Mòr ann an Leòdhas.

Bhrist an Transocean Winner loidhne bhon Alp Forward, a bha ga shlaodadh, mu 04.20m Diluain.

Cha robh duine air a' chlàr-ola, ach tha 70,000 galan de dhiesel air bòrd.

Dh'innis Transocean, leis a bheil an clàr-ola, gu bheil sgiobaidhean teicnigeach ag obair air plana gus an clàr a ghluasad, ach chan eil fios aca aig an ìre seo cùine thachras sin.

Dh'iarr na poilis is na maor-chladaich air daoine cumail air falbh bhon làraich an-dràsta.