Smachd ga chur air goibhrean Loch Laomainn

Tha an RSPB air gathan a chur ann an goibhrean fiadhaich faisg air Loch Laomainn ann an oidhirp an casg bho àlachadh.

Ged a bhios na goibhrean a' tàladh moran luchd-turais, tha iad cuideachd a' dèanamh call air sgìre ghlèidhte aig Inbhir Snàthaid, air taobh sear an loch.

Tha gunna a' cur gath annta, a tha gan cumail gun àlachadh fad trì bliadhna.

Bha connspaid ann roimhe nuair a dh'innis an RSPB gun robh iad air feadhainn de na goibhrean a spadadh.

Chaidh maoigheadh air cuid de luchd-obrach na buidhne.

Thuirt an RSPB gu bheil iad an dòchas gun cum an dòigh ùr seo smachd air àireamh nan gobhar is nach bi feum air gin a spadadh tuilleadh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile