3000 gèadh glas air a spadadh an Leòdhas sna Hearadh

Geòidh Ghlas

Chaidh faisg air 3000 gèadh glas a mharbhadh ann an Leòdhas agus sna Hearadh air a' chiad dà bhliadhna de sgeama dearbhaidh a tha ag amas air na th' ann dhiubh a lùghdachadh.

Tha na h-eòin a' milleadh an ionaltraidh agus feur air croitearan ach chan eil cinnt ann fhathast am bi taic-airgid as ùr ann airson an sgeama a chumail a' dol nuair a thig i gu ceann sa Ghiblean an ath-bhliadhna.

Thòisich an sgeama dearbhaidh sa Ghearran 2015 an dèidh do àireamh nan gèadh a dhol am meud.

Thuirt Dualchas Nàdar na h-Alba an uairsin gu robh an àireamh air èirigh 45% bho thòisich iad a' cunntadh nan gèadh ann an 2010.

Tha na h-eòin a' dèanamh cron air feur le a bhith ga ithe agus le a bhith a' fàgail salachair ann - rud a mhilleas fodar geamhraidh dha stoc.

Cosgais

Tha SNH ag ràdh gu bheil iad a' cosg mu £400,000 gach bliadhna eadar peilearan, obair-rianachd agus rannsachadh.

Ach chan eil fhios aig a' bhuidhinn am faigh iad taic-airgid a bharrachd.

Tha Ruairidh MacMinn, a tha ag obair do SNH air a' phròiseact, ag ràdh gu bheil an sgeama dearbhaidh ann an Leòdhas agus na Hearach am measg grunn phròiseactan a thathas a' dèanamh ann an Alba.

"Bidh sinn a' dèanamh ath-sgrùdadh as t-fhoghar air dè cho èifeachdach sa tha iad air a bhith agus feuchaidh sinn ri ionnsachadh bhuapa.

"Cuiridh sinn beachdan air adhart, tha sinn an dòchas, a thaobh dè dh'fhaodadh tachairt às dèidh a' Ghiblein an ath-bhliadhna," thuirt e.

Saor-thoileach

Tha suas ri 60 gunnaire sna Hearadh 's Leòdhas an sàs sa sgeama dearbhaidh.

Tha iad a' dol a-mach gu saor-thoileach, ged a bhios iad a' faighinn peilearan bho SNH.

Bha Dòmhnall Dòmhnallach na gheamair airson 30 bliadhna agus chan fhaca e a-riamh na h-eòin cho pailt.

Tha esan a' moladh gum faigh an luchd-seilg pàigheadh cuideachd airson barrachd dhaoine a bhrosnachadh a dhol a-mach.

"Bheireadh e barrachd buaidh air a' chùis.

"Ged a tha tòrr ghunnaichean air an eilean, tha cuid ann, cha bhodraig iad a dhol a-mach.

"'S dòcha ma phàigheas iad duine gun teagamh gum biodh barrachd ùidh sa chùis," thuirt Mgr Dòmhnallach.

Ionadail

Ach le mì-chinnt am faigh an sgeama airgead riaghaltais bhon ath-bhliadhna tha Ruairidh MacMinn ag ràdh nach biodh e airson càil a ghealltainn a thaobh a bhith a' pàigheadh nan sealgairean.

Thuirt e gun robh a' bhuidheann ionadail a tha a' feuchainn ri smachd a chumail air àireamh nan eun a' faireachdainn gum biodh e na b'fheàrr nam biodh daoine às na sgìrean fhèin ris an obair shealg agus gum biodh e na b'fheàrr an t-suim airgid a th' aca a chosg air peilearan dhan fheadhainn a tha ris an obair mar thà, an àite a bhith a' pàigheadh chuideigin bhon taobh a-muigh a thighinn a-steach.

"Ma tha daoine sa sgìre eòlach agus cleacht ris an obair 's dòcha gun urrainn dhaibh cumail a' dol, fiù 's mura bi taic airgid ann," thuirt e.

Chaidh faisg air 3000 gèadh a mharbhadh agus am-bliadhna tha iad ag amas air 700 a spadadh.

Tha Dòmhnall Dòmhnallach dhen bheachd gum feum an obair leantainn co-dhiù dà bhliadhna eile mus faicear buannachd fhollaiseach.

"Tha feadhainn aig a bheil sia iseanan, agus chan eil iad fada air fàs lìonmhor.

"Dh'fheumadh tu cur às, an ìre mhath, dhan àl a rugadh am-bliadhna agus beagan a bharrachd air a sin, dhan t-seann fheadhainn cuideachd airson cumail air a mhuin agus a chumail sìos.

"Bheir e dreis," thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo