Bàta-aiseig eile a' dèanamh air Ìle

Tha an MV Finlaggan
Image caption Bidh an MV Finlaggan a' ruith an là agus a dh'oidhche

Tha bàta eile ga chur a dh'Ìle airson cuideachadh leis an dàil a tha air a bhith ann bho chaidh an MV Hebridean Isles a mhilleadh nuair a bhuail i ann an cidhe.

Bidh an MV Isle of Arran air an t-slighe cuide ris an MV Finlaggan fad trì latha an t-seachdain-s'.

Tha seirbheisean Ìle air a bhith troimh chèile bho chaidh milleadh a dhèanamh air an Hebridean Isles 's i air bualadh sa chidhe ann an Ceann na Creige air tìr mòr mu chealla deug air ais.

Tha duilgheadas air a bhith aig an MV Finlaggan dèiligeadh ris an àireamh de luchd-siubhail a tha airson an t-slighe a ghabhail agus an dà bhàta, mar is tric, a' frithealadh an eilein aig an aon àm.

Bha CalMac air am bàta-bathar an MV Red Princess a chur ann airson beagan làithean ach cha ghabh i sin ach fichead càr agus cha ghabh i luchd-siubhail idir.

Seòlaidhean oidhche

Tha a' chompanaidh a-nis air an MV Isle of Arran a thoirt bho shlighe Eilean Arainn agus bidh i a' seòladh eadar Ìle agus Ceann na Creige co-dhiù Dimàirt, Diciadain, agus Diardaoin.

Tha iad cuideachd air criudha a bharrachd a chur air an MV Finlaggan agus tha i a-nis comasach air a bhith a' ruith 24 uairean sa là, le seirbheis bathair a mhàin tron oidhche.

Thèid na carbadan as motha a chur air na seòlaidhean sin.

Bidh IÌe trang dha-rìreamh an t-seachdain-s' agus an fhèill bhliadhnail ann.

Thuirt CalMac gu robh iad an dòchas gun tuigeadh muinntir Arainn carson a bha iad air an ceum seo a ghabhail agus an MV Isle of Arran a tharraing bhon t-slighe sin.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile