Knox dòchasach mu Chupa Ryder
- Air fhoillseachadh

Thuirt Russell Knox gu bheil e a-nise gu math misneachail gum faigh e àite ann an Cupa Ryder na bliadhna.
Bhuannaich Knox, a bhoinneas dha Inbhir Nis bho thùs, Farpais Travellers ann an Connecticut air an deireadh-sheachdain.
B' e sin an darna farpais a bhuannaich e air an t-seusain seo anns na Stàitean, is tha e ga fhàgail san 18mh àite air clàr an t-saoghail.
Tha e air còrr is $3m a bhuannachadh am-bliadhna.
Bidh Cupa Ryder ann aig Hazeltine, Minnesota, air an ath-mhìos.
Tha Knox faisg air àite a choisinn san sgioba, is mura dèan e sin bidh cothrom fhathast gun tèid a thaghadh leis an sgiobair, Darren Clarke.
A' bruidhinn às dèidh dha soirbheachadh ann an Connecticut, thuirt Knox gum bi e doirbh do Chlarke "gun a bhith gam thaghadh".
Rinn Clarke fhèin moladh air Knox air twitter às dèidh na farpais.