Iomairt a' chlàir-ola a' tòiseachadh
- Published
Thòisich sgioba de eòlaichean a bhios a' feuchainn ris a' chlàr-ola a thàinig air tìr aig Dail Mòr a chur air ais gu muir an obair aca.
Feuchaidh iad ri dhol air bòrd an Transocean Winner feuch dè dìreach an suidheachadh a th' ann, is ciamar is cuine a ghabhas a ghluasad.
Tha 70,000 galan de dhiesel air bòrd a' chlàir.
Tha cuideachd coinneamh a' dol Dimàirt a bhruidhinn air a' phlana airson dèiligeadh ris na thachair.
Thàinig an clàr air na creagan tràth Diluain is an loidhne leis an Alp Forward, a bha ga shlaodadh, air briseadh ann an stoirm.
Tha dà bhàta-slaodaidh a-nise anns an sgìre airson an clàr a tharraing.
Dh'iarr na maor-chladaich air daoine cumail air falbh bho Dhail Mòr aig an ìre seo.
Thuirt iad gum bi an rathad a dh'ionnsaigh na tràghad fìor thrang is uidheamhachd ga chur a Dhail Mòr.
Chuir an tubaist lasair san deasbad a tha a' leantainn mu bhàta-slaodaidh a bhith stèidhichte air a' chosta an iar.
Chaidh am bàta a bh' ann a tharraing ann an 2012 mar phàirt de ghearraidhean riaghaltais.
Tha Comhairle nan Eilean Siar air a bhith os cionn iomairt gus am bàta a thilleadh, is iad fhèin is BP na sgìre, Aonghas MacNìll, ag ràdh gu bheil suidheachadh an Transocean Winner a' sealltainn cho deatamach sa tha e gum bi bàta-slaodaidh èiginn air a' chosta an iar, a thuilleadh air a' chosta tuath.
Thàinig bàta Arcaibh a Leòdhas Diluain.
Aig an aon àm, thuirt fear a thug bliadhnaichean na sgiobair aig muir nach biodh bàta-slaodaidh air a' chosta air stad a chur air a' chlàr-ola.
Thuirt an Caiptein Aonghas Moireach gun deach an clàr air na sgeirean cho luath às dèidh dhan loidhne aice bristeadh agus nach robh mòran ann a ghabhadh dèanamh.
Dh'innis e, ge-tà, gu bheil ìongnadh air gun robh an clàr cho fada a-muigh dhan iar ann an droch aimsir.
Thuirt Mgr Moireach gun robh fios ro-làimh gun robh droch shìde a' tighinn.
Thàinig rabhadh cuideachd bho Mhurchadh Moireach, air an robh uallach airson nan costaichean aig Comhairle na Eilean Siar fad iomadh bliadhna.
Thuirt e gu bheil e ag aontachadh gu làidir gum bu chòir bàta-slaodaidh a bhith stèidhichte air a' chosta an iar, ach gum feumar cùis an Transocean Winner a rannsachadh dòigheil sa chiad dol a-mach.
Tha feum air rannsachadh gu sònraichte, thuirt e, air mar a tha clàran-ola gan gluasad far chosta na duthcha.
Thathas a' tuigsinn gu bheil Buidheann Rannsachaidh nan Tubaistean Mara a' tòiseachadh sgrùdadh Dimàirt air ciamar a thachair an tubaist.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Published
- 8 An Lùnastal 2016