Hebridean Isles a' tilleadh gu seirbheis
- Air fhoillseachadh

Thuirt Caledonian Mac a' Bhruthainn gun till am bàta-aiseig, an Hebridean Isles, gu seirbheisean Ìle Dimàirt, às dèidh obair-càraidh orra.
Nì an Hebridean Isles seòladh 3.30f à Ceann na Creige.
Chaidh am bàta a-mach à seirbheis bho chionn cola-deug is i air bualadh air a' chidhe ann an Ceann na Creige.
Dh'fhàg sin dàil air luchd-siubhail is gearanan gu leòr ann, ged a chuir CalMac bàta-bathar, an MV Red Princess, air an t-slighe eadar Ìle is Tìr-Mòr.
Bha luchd-gnothachais an Ìle feargach.
Thuirt feadhainn dhuibh gum bu chòir dhaibh airgead-dìolaidh fhaighinn ri linn mar a thug an gnothach call orra.
Bha CalMac air innse gun cuireadh iadan MV Isle of Arran air an t-slighe cuide ris an MV Finlaggan gus faochadh a thoirt air an t-suidheachadh.
Tha an Hebridean Isles a-nise a' tilleadh.
Dh'innis CalMac gu bheil atharrachaidhean fhathast air a' chlàr-ama.
Dh'iarr a' chompanaidh leisgeul an luchd-siubhail airson buaidh sam bith a thug an gnothach orra.
Thuirt iad gun do mhair na trioblaidean nas fhaide na bha dùil aca.