Uard dùinte aig Ospadal an Rathaig Mhòir

  • Air fhoillseachadh
Ospadal an Rathaig Mhòir

Chaidh uard aig Ospadal an Rathaig Mhòir ann an Inbhir Nis a dhùnadh agus noro-bhìoras air nochdadh ann.

Dhearbh Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd gun robh an tinneas air co-dhiù triùir ann an uard 7C.

Tha uard 7C a-nise dùinte do dh'euslaintich ùra agus do luchd-tadhail.

Dh' iarr am bòrd slàinte air daoine gun a bhith a' tadhal air ospadalan ma tha iad air a bhith bochd iad fhèin san trì là mu dheireadh.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh