An lìog eadar an Rubha is na Lochan

Ball-coise

Tha a h-uile coltas ann a-nise gur e an Rubha neo na Lochan a bhuannaicheas Lìog Leòdhais agus na Hearadh air an t-seusan seo.

Dh'fhulang oidhirp an Taobh Siar buille mhòr oidhche Luain nuair a rinn na Lochan a' chùis orra 5-1.

Tha gach coltas ann gur e buille bàis a bhios ann dhan Taobh Siar san lìog.

B' e freagairt làidir a bh' ann bho na Lochan às dèidh dhaibh a dhol a-mach à Cupa Amaitearachd na Gàidhealtachd an aghaidh Wick Groats Disathairne.

Thàinig na tadhail aca bho Raibeart MacCoinnich (2), Dàibhidh Mac a' Mhaoilein, Jim O'Donnell is Niall Houston, le Ali MacLeòid a' freagairt dhan Taobh Siar.

Fhuair Gordon Caimbeul aig an Taobh Siar càirt dhearg sa chiad leth air oidhche nuair a chaidh gu leòr ceàrr dha na Siaraich.

Mullach

Chaidh an Rubha dha mullach na lìge, ged a bha dùbhlan aca an aghaidh a' Bhac.

Chaidh na Bacaich air thoiseach le tadhal bho John Alexander MacÌomhair às dèidh uair a thìde, is coltas ann gun robh iad a' dol a dhèanamh sgrios air cothroman nan nàbaidhean.

Chum na Rubhaich a' dol ge-tà agus anns na deich mionaidean mu dheireadh rinn Wally MacÌomhair (2) is Aonghas Dòmhnallach cobhair orra.

3-1 dhan Rubha air a' cheann thall.

Tha sin a' fàgail an Rubha trì puing air thoiseach air na Lochan san lìog ach le geama a bharrachd air a chluich.

Dh'fhaodadh an Taobh Siar fhathast an lìog a bhuannachadh, ach dh'fheumadh cùisean a dhol fada ceàrr dhan Rubha agus na Lochan.

Chan eil coltas ann gun tachair sin, is dùil gur e an geama eadar an Rubha is na Lochan a dhearbhas cò gheibh an lìog.

Anns a' gheama eile oidhche Luain rinn Càrlabhagh a' chùis air Athletic 5-4.