Oidhirp ùr gus dotairean a thàladh
- Air fhoillseachadh

Thèid £20,000 a thabhainn air dotairean gus a dhol a dh'obair ann an cuid de sgìrean dùtchail fo phlana ùr.
Dh'innis Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad a' toirt sùil às ùr air obair dhotair teaghlaich.
Tha iad 'son barrachd dhotairean a bhrosnachadh a dhol nan dotairean teaghlaich
Tha draghan air nochdadh gum faodadh staing a bhith anns na bliadhnaichean ri teachd le gainnead de dhotairean teaghlaich.
Tha cuid de dh'ionadan slàinte air casg a chur air an àireamh de dh'euslaintich a tha iad a' gabhail is dragh ann nach eil àite ann 'son tuilleadh.
Thuirt an Riaghaltas gum bi cùmhnant ùr dha dotairean teaghlaich a bhios a' freagairt air feumalachdan slàinte san àm ri teachd.
Àiteachan trèanaidh
Chaidh 100 dreuchd trèanaidh ùr a shanasachd dha dotairean ùra.
Nam measg, tha 37 ann an àiteachan far an robh dreuchdan bàn 'son ùine.
Thèid bursaraidh £20,000 a thoirt dha dotairean a bheir seachad gealltanas gun gabh iad na dreuchdan.
Thuirt an Riaghaltas gu bheil iad a-nise air 439 dreuchd trèanaidh dha dotairean teaghlaich a shanasachd am-bliadhna.
Tha Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd am measg an fheadhainn a tha a' faighinn tàire le dotairean a thàladh.
Tha iad air grunn iomairtean a chur air dòigh, nam measg oidhirp gus dotairean a thàladh às an Òlaind 'son a bhith ag obair air a' Ghàidhealtachd.
Dùinidh cothrom cur a-staigh 'son àiteachan trèanaidh an Riaghaltais air an 25mh den Lùnasdal.