Coltas fallain air àireamh nan guganan

Guganan ann an Sulasgeir Image copyright Geograph/John M MacFarlane

Tha Dualchas Nàdar na h-Alba ag ràdh gu bheil coltas ann gun leanadh àireamh nan guganan ann an Sulasgeir ag èirigh fiù 's nan deidheadh an àireamh a tha ceadaichte a spadadh an àirde.

A rèir an sgrùdaidh às ùr aca cha toireadh àrdachadh gu 3500 buaidh mhòr sam bith air mar a tha na h-àireamhan a' fàs.

Tha sealg a' ghuga air bhith na chleachdadh aig muinntir Nis ann an Leòdhas fad iomadh bliadhna.

Ach chan eil an sgioba a bhios a' dol ann saor airson na thoilicheas iad a spadadh.

Tha iad a' faighinn cead airson na seilg bho SNH agus anns na bliadhnachan mu dheireadh cha b'urrainn dhaibh càil a bharrachd na 2000 guga a spadadh.

Tha SNH air a bhith a' dèanamh sgrùdaidh air àireamh nan iseanan agus sheall sin gun robh na h-àireamhan a' dol suas 2.2% - sa chomantas - eadar 2004 agus 2014, a dh'aindeoin na seilg bliadhnail.

Ged a tha coltas ann gum biodh an àireamh nas àirde buileach nan deidheadh cur às dhan t-sealg, tha SNH a' gabhail ris gun leanadh an àireamh ag èirigh leis a' chead a th' ann an-dràsta agus fiù 's gun leanadh i ag èirigh nan deidheadh a' chead àrdachadh gu 3500.

Cha bhiodh uidhir a dh'fhàs ann às dèidh sin, agus cha bhiodh fàs ann idir, tha iad ag ràdh, nan deidheadh 4000 guga, neo barrachd, a mharbhadh.