Dìon air a' Ghàidhlig ann an reachdas

Pàrlamaid na h-Alba

Thuirt tè de bhuill na Gàidhealtachd ann am Pàrlamaid na h-Alba gum bu chòir a' Ghàidhlig a chleachdach cho tric sa ghabhas anns a h-uile suidheachadh, is deasbad air èirigh mu chleachdadh na cànain ann an reachdas.

Chaidh Ceit Fhoirbeis an sàs às dèidh stiùireadh mun chùis tighinn bho Oifis a' Chomhairleachaidh Phàrlamaidaich.

'S ann orrasan a tha an t-uallach 'son dreach bhilean an Riaghaltais Albannaich a sgrìobhadh.

B'fheàrr leotha Beurla ann an laghan.

San stiùireadh ùr, tha ceannard na buidhne, Andy Beattie, a' moladh do bhuill Beurla a-mhàin a chleachdadh cho tric sa ghabhas.

"Cleachd Beurla an-còmhnaidh far an urrainn dhuibh", tha a' chomhairle ag innse.

"Co-theacs sònraichte"

"Dh'fhaodadh gum bi feum air Gàidhlig ann an co-theacsa sònraichte, mar eisimpleir, ann am mìneachadh mu Bhòrd na Gàidhlig".

Thuirt Ceit Foirbheis, a tha cuideachd na cathraiche air Buidheann Thar-Phàrtaidh na Gàidhlig aig Holyrood, gun do chuir e a' chùis iongadh oirre.

"Tha mi a' fuireach air a' Ghàidhealtachd is cha tug mi an aire gun deach Gàidhlig a chleachadh cus ann an reachas aig Pàrlamaid na h-Alba", thuirt Ceit Fhoirbeis.

"Tuigidh mi glè mhath gum feum laghan a bhith soilleir, ach ma tha thu airson is gum bi cànan feumail, feumaidh tu a cleachdadh cho tric sa ghabhas.

"Tha mi gu mòr airson is gun cuir muinntir na h-Alba eòlas a bharrachd air a' Ghàidhlig.

"Tha a' Ghàidhlig na pàirt den eachdraidh is cultar againn, chan eil e ach nàdarra ma tha e uaireannan nas fheàrr rudeigin a ràdh sa Ghàidhlig seach ann am Beurla", thuirt i.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile