ICT a-mach

Alloa is ICT Image copyright SNS

Dh'fhulang Caledonian Thistle buille is iad a' dol a-mach à Cupa na Lìge an aghaidh Alloa.

Chaidh Alloa, a tha a' cluich ann an Lìog 1, a-steach dhan gheama ann an sunnd is iad mar thà air nàbaidhean ICT, Ross County, a chur a-mach às a' chupa.

Bha làmh an uachdair aca sa chiad leth is cha robh e na iongadh nuair a chaidh iad air thoiseach, Jason Marr leis an tadhal dhaibh is e air faileagadh air Inbhir Nis am ball fhaighinn air falbh às dèidh breab-oisne.

Cha robh ach aona chothrom aig ICT sa chiad leth, Neil Parry eadar na puist do dh'Alba a' faighinn suathadh air oidhirp Liam Polworth mus do bhuail e am maide-tarsainn.

Thàinig cothroman a bharrachd san darna leth is Inbhir Nis a' putadh Alloa air ais, is Iain Vigurs a' lasadh dà oidhirp air an tadhal.

Sheas na Speachan gu daingean, ge-tà, is iad a' dol air adhart dhan chairteal chuairt dheireannaich 'son a' chiad uair bho 1965/66.

Thuirt manaidsear ICT, Richie Foran, às dèidh làimh gun robh e troimhe-chèile is e den bheachd gun robh còir aig an sgioba aige a bhith air an geama a bhuannachadh.

Feumaidh Foran a-nise an sgioba a thogail is geama mòr aca Disathairne nuair a thig na nàbaidhean aca, Ross County, a dh'Inbhir Nis.