An Transocean Winner ga sgrùdadh

  • Air fhoillseachadh
Clàr-ola

Tha oidhirpean a' leantainn Diciadain gus an clàr-òla a th' air na creagan ann an Leòdhas a dhèanamh sàbhailte agus a dheisealachadh airson a chur air ais gu muir.

Tha dragh ann, ge-tà, gum faodadh droch shìde maill a chur air a' ghnothach.

Tha sgioba de dh'eòlaichean air a bhith air bòrd a' chlàir-ola.

Thuirt fear-labhairt gum feum iad feitheamh airson aimsir nas fheàrr gus sùil cheart a thoirt air staid an Transocean Winnera fon uisge.

Tha 17,000 tonna de chuideam sa chlàr, is 70,000 galan de chonnadh air bòrd.

Thàinig na buidhnean èiginn cruinn Dimairt airson plana a chur an gnìomh.

Riochdaire

Chaidh riochdaire an Riaghaltais cuideachd gu tràigh Dhail Mòr, far an deach an Transocean Winner air na creagan tràth Diluain.

Tha dragh ann gu bheil an aimsir an ìmpis a dhol am miosad, le cunnart gun tèid an clàr a mhilleadh, no gum bi connadh ag aodion às.

"Chan eil teagamh ann fhad 's a tha an clàr-ola far a bheil i, tha i ann an suidheachadh gu math cugallach agus ma thigeadh fìor dhroch aimsir, tha mi a' smaoineachadh gum biodh cunnart ann gum faodadh damaist na bu mhotha a dhèanamh oirre", thuirt Fear-gairm Comhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach.

"Chan eil sinn a' faicinn anns na dhà no trì làithean a tha romhainn gu bheil an aimsir gu bhith ro dhona, is fiù 's ged a bhiodh cunnart ann, chan eil mòran ann as urrainn dhuinn dèanamh mu dheidhinn aig an ìre seo", thuirt e.

Làn

Dh'innis Mgr Dòmhnallach gun tàinig an clàr-ola air na creagan nuair a bha làn àirde ann, is gu bheil coltas ann gum bi feum air làn àirde a-rithist nuair a thig an t-àm a ghluasad.

Feumaidh an clàr-ola dhèanamh cho tèarainte sa ghabhas eadar seo is an uairsin, thuirt e.

Thug uachdaran na sgìre, Croitearan Eilean Leòdhais Earranta, taing dha na seirbheisean èiginn 'son làrach na tubaist a dhèanamh tèarainte.

Thuirt iad gu bheil iomagain orra mun chùis, is gun toir iad seachad taic sam bith as urrainn dhaibh gus an clàrola a ghluasad cho luath sa ghabhas.