Tadhal air a chasg aig Ospadal an Rathaig Mhòir

Ospadal an Rathaig Mhòir

Tha NHS na Gàidhealtachd air luchd-tadhail a chasg bho Ospadal an Rathaig Mhòir ann an Inbhir Nis, ann an oidhirp stad a chur air noro-bhìoras.

Chaidh uard 7C a dhùnadh do dh'euslaintich ùra agus do luchd-tadhail mar thà an t-seachain seo is an galair air nochdadh ann.

Thuirt am bòrd-slàinte gu bheil an galair air triùir san uard, is gu bheil ochdnar eile ann a tha bochd.

Dh'innis iad iad gu bheil iad air luchd-tadhail a chasg bhon ospadal air fad gu h-eadar-amail, feuch nach sgaoil an galair gu àiteachan eile san ospadal.

Thuirt iad gum faod daoine tadhal ann an suidheachadh èiginn, le fios a chur air an ospadal an toiseach ro-làimhe.

Faodaidh luchd-obrach cuideachd fiosrachadh a thoirt seachad air a fòn, thuirt iad.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile