Feum air "Plana B" an Ìle
- Published
Dh'iarr feadhainn ann an Ìle gun stèidhich Caledonian Mac a' Bhruthainn plana sònraichte airson dèiligeadh ri trioblaidean aiseig san eilean.
Bha seirbheisean Ìle troimhe-chèile às dèidh dhan Hebridean Isles bualadh sa chidhe ann an Ceann na Creige.
Dh'fhàg sin nach robh ach am Finlaggan air an t-slighe eadar Ìle is Tìr-Mòr, ged a chuir CalMac bàta-bathair ann 'son faochadh a thoirt air an t-suidheachadh.
Bha luchd-gnothachais feargach.
Dh'iarr iad airgead-dìolaidh fhaighinn ri linn mar a thug an gnothach call orra.
Thill an Hebridean Isles gu seirbheis an t-seachdain seo, ged nach eil an clàr-ama air tilleadh dhan àbhaist fhathast
Tha sin fhèin na iomagain dha cuid san eilean.
Trang
"Seo an t-seachdain as trainge tron bhliadhna oir Diardaoin tha an fhèill ann", thuirt Sìne NicEalair, a tha a' fuireach ann an Ìle.
"Tha daoine a' tighinn nam mìltean dhan eilean an t-seachdain seo.
"Theirinn gu bheil na bùithean, na taighean-òsta, tha iad a' call mòran airgid", thuirt i.
Tha na h-Ìlich ag ràdh gu bheil feum air dòigh nas fheàrr air dèiligeadh ri trioblaidean den leithid.
Iarraidh iad a-nise air CalMac plana a stèidheachadh is coinneamh gu bhith ann an ceartuair,
"Bhiodh e feumail agus cuideachail nam biodh plana B aig CalMac, agus nach bi an suidheachadh seo ann a-rithist", thuirt Sìne NicEalair.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Published
- 9 An Lùnastal 2016