Dà thanca briste air an Transocean Winner

an Transocean Winner ann an Dail Mòr ann an Leòdhas.

Tha co-dhiù dà thanca ola a bh' air bord a' chlàr-ola thàinig air tìr ann an Dail Mòr an Leòdhas air briseadh agus tha an diesel a bh' annta air a dhol ma sgaoil.

Lorg an sgioba a chaidh air bòrd Diciadain gun deach na tancaichean ann am bonn an Transocean Winner a bhriseadh, agus gun deach tancaichean bùirn balaist a bhriseadh cuideachd.

Thuirt am Maoir-chladaich Diciadain gun robh an treas tanca diesel fhathast slàn ach nach fhaigheadh iad gu a' cheathramh fear a dh'fhaicinn dè an seòrsa staid anns an robh e.

Thuirt am fear-naidheachd Aonghas Dòmhnallach air Aithris na Maidne Diardaoin gun robh a h-uile coltas ann gun deach na tancaichean a bhriseadh 's gun deach an diesel ma sgaoil nuair a bhuail i air a' chreig an toiseach tràth madainn Diluain.

"Nuair a bha sinne thall Diluain a' chiad char sa mhadainn dh'fhairicheadh tu fàileadh diesel an uairsin agus bha iad a' sgiathalaich an uairsin os a cionn le plèana agus le heileacoptair nam maoir-chladaich agus bha iad ag ràdh gu robh lì air uachdar na mara an uairsin.

"Cha robh bud fàileadh ann Dimàirt, cha robh bud fàileadh ann an-dè, agus mar sin faodaidh sinn co-dhunadh, tha mi a' smaoineachadh, ma bha diesel ann Diluain gur iongantach mar an do sgaoil e a' bhadaigein agus nach robh sgeul air an-dè, neo a bhòn-dè," thuirt e.

Balaist

Leis gu bheil tancaichean bùirn balaist briste dh'fhaodadh sin duilgheadas adhbhrachadh nuair a thathar a' toirt a' chlàr-ola far nan creagan.

Dh'fhaodadh nach urrainnear toirt oirre suidhe ceart san uisge neo dh'fhaodadh fiù 's an t-uisge faighinn a-steach agus dh'fhaodadh sin a bhith a' ciallachadh gun tèid i cho iosal sa bhùrn fhein 's nach gabh smachd a chumail oirre agus gur docha fiù 's gum faodadh i a dhol fodha.

Feumar rannsachadh ceart a dhèanamh air na tancaichean bùirn balaist faic am feum iad sin a bhith air an càradh mus tèid feuchainn ris a' chlàr a thogail bhon chreig.

Ma dh'fheumas iad a bhith air an càradh bheir an obair barrachd ùine oir 's e làrach gu math fosgailte a th' ann.

Dh'fheumadh an sgioba cha mhòr fiath son nan tancaichean a chàradh neo dh'fheumadh iad dòigh fhaighinn airson nan tancaichean a chàradh nach toir cho fada agus cuiridh sin làithean, 's dòcha seachdainnean, ris an obair.

Tha iomagain ann mun aimsir 'son tha an t-àite cho fosgailte agus tha bonn suaile a' dol a-steach ann fad an t-siubhail.

Leis gu bheil a' ghaoth a' tighinn bhon iar agus bhon iar deas san ath dhà neo thrì làithean tha dragh gum bi am bonn suaile cho mòr agus gun toir e tuilleadh leadraigeadh dhan chlàr-ola air na creagan agus gun tèid an tuilleadh millidh a dhèanamh oirre.

Ceistean

Tha ceistean ann fhathast mu mar a thachair an tubaist, agus Rùnaire Comann Iasgairean nan Eilean Siar ag ràdh nach eil coltas ann gun deach measadh chunnartan ceart a dhèanamh air a bhith a' gluasad an Transocean Winner an iar air na h-eileanan.

Thuirt Donnchadh MacAonghais nach biodh bàta-slaodaidh sa Chuan Sgìth air an clàr-ola a chumail bho bhith a' dol air na sgeirean.

'S e a tha esan a' moladh ach soithichean agus luchdan dhen t-seòrsa sin a chur tron Chuan Sgìth - le pìleat air bòrd.

"Nam biodh iad air measadh chunnartan a dhèanamh cha bhiodh iad a chaoidh air a dhol a-mach gun an iar leis an aimsir a bha fios aca a bha a' tighinn le aon tug a' slaodadh siud agus saoilidh mi gur e sin tè dha na ceistean a dh'fheumar fhaighneachd, carson nach robh measadh chunnartan ceart air a dhèanamh.

"A' coimhead a' dol tron Chuan Sgìth, tha e tòrr nas fhasgadh sa Chuan Sgìth na tha e a-muigh air an iar agus ma dh'fheumas iad pìleat a ghabhail sìos agus eithrichean a bhiodh a' dol suas tron Chuain Sgìth, bhiodh e tòrr na bu shàbhailte agus bhiodh nas lugha chunnartan ann dhan h-uile duine", thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo