Sràid Acadamaidh an ìmpis fhosgladh
- Air fhoillseachadh
Tha dùil gum fosgail tè de phrìomh shràidean baile Inbhir Nis an ath-sheachdain, às dèidh dhith a bhith dùinte greis mhòr.
Tha Sràid na h-Acadamaidh air a bhith na bùrach bho chaidh tè de na prìomh bhùithean air an t-sràid na teine bho chionn bliadhna.
Chaidh a' bhùth-aodaich M&Co na theine sa Ghiblean 2015.
Se fear de na toglaichean as aodsa ann an Inbhir Nis agus chaidh a sgrios.
Thàinig air a' chompanaidh bùth ùr fhosgladh ann an ionad-bùithean a' bhaile.
Tha dàil mhòr air a bhith air càraichean bho chaidh an togalach na theine.
Chan eil ach aon slighe de shràid na h-Acadamaidh fosgailte agus tha Lianaig Strothers dùinte do chàraichean agus do bhusaichean.
Tha dùil a-nis gum fosgail an t-sràid Dimàirt seo tighinn.
Chuir fear de chomhairlichean a' bhaile, Ridseard Laird, fàilte mhòr air an naidheachd.
Thuirt e gu dèanadh e diofar mòr do luchd-siubhail agus do dh'iomaigh a' bhaile.