Diesel air aoidean bhon Transocean Winner

  • Air fhoillseachadh
An Transocean Winner ann an Dail Mòr ann an Leòdhas.Tùs an deilbh, PA

Thathas a' tuigse gu bheil còrr is 12,000 galan de chonnadh air aoidean bhon chlàr-ola a thàinig air tìr ann an Dail Mòr ann an Leòdhas.

Thuirt an t-oifigear bho Riaghaltas Westminster a tha an urra ris an obair an Transocean Winner a thoirt air falbh, Ùisdean Seathach, nach eil sgeul air an diesel.

Chaidh an clàr air tìr nuair a bhris an loidhne leis a' bhàta-slaodaidh an Alp Forward tràth madainn Diluain.

Bha 60,000 galan de diesel oirre.

Thuirt Mgr Seathach gu bheilear a' tuigse gun deach an diesel a chall nuair a bhris dhà de an ceithir tancaichean agus gun do thachair sin nuair a chaidh an clàr air a' chreig.

"Gu follaiseach se cùis dhragh a tha seo, ach cha toir e cus buaidh air an àrainneachd," thuirt e.

Fàileadh diesel

Thuirt am fear-naidheachd Aonghas Dòmhnullach air Aithris na Maidne gu robh fàileadh an diesel follaiseach Diluain.

"Nuair a bha sinne thall Diluain a' chiad char sa mhadainn dh'fhairicheadh tu fàileadh diesel an uairsin.

"Cha robh bud fàileadh ann Dimàirt, cha robh bud fàileadh ann an-dè, agus mar sin faodaidh sinn co-dhunadh, tha mi a' smaoineachadh, ma bha diesel ann Diluain gur iongantach mar an do sgaoil e a' bhadaigein agus nach robh sgeul air an-dè, neo a bhòn-dè," thuirt e.

Thuirt na Maoir-chladaich nach deach truailleadh sa bith fhaicinn sa sgìre agus gun lean iad oirre a' sgrùdadh an àite faic a bheil truailleadh sa bith ann.

Tùs an deilbh, PA

Mion-sgrùdadh: Aonghas Dòmhnullach, Fear-naidheachd, Leòdhas

Lorg an sgioba a chaidh air bòrd Dimàirt gun deach tancaichean bùirn balaist a bhriseadh cuideachd.

Leis gu bheil iad sin briste dh'fhaodadh sin duilgheadas adhbhrachadh nuair a thathar a' toirt a' chlàr-ola far nan creagan.

Dh'fhaodadh nach urrainnear toirt oirre suidhe ceart san uisge neo dh'fhaodadh fiù 's an t-uisge faighinn a-steach agus dh'fhaodadh sin a bhith a' ciallachadh gun tèid i cho iosal sa bhùrn fhein 's nach gabh smachd a chumail oirre agus gur docha fiù 's gum faodadh i a dhol fodha.

Feumar rannsachadh ceart a dhèanamh air na tancaichean bùirn balaist faic am feum iad sin a bhith air an càradh mus tèid feuchainn ris a' chlàr a thogail bhon chreig.

Ma dh'fheumas iad a bhith air an càradh bheir an obair barrachd ùine oir 's e làrach gu math fosgailte a th' ann.

Dh'fheumadh an sgioba cha mhòr fiath son nan tancaichean a chàradh neo dh'fheumadh iad dòigh fhaighinn airson nan tancaichean a chàradh nach toir cho fada agus cuiridh sin làithean, 's dòcha seachdainnean, ris an obair.

Tha iomagain ann mun aimsir 'son tha an t-àite cho fosgailte agus tha bonn suaile a' dol a-steach ann fad an t-siubhail.

Leis gu bheil a' ghaoth a' tighinn bhon iar agus bhon iar deas san ath dhà neo thrì làithean tha dragh gum bi am bonn suaile cho mòr agus gun toir e tuilleadh leadraigeadh dhan chlàr-ola air na creagan agus gun tèid an tuilleadh millidh a dhèanamh oirre.

Suailichean

Tha clàraidhean a chaidh a dhèanamh 'son luchd-surfaidh a' dèanamh dheth gu robh stoirm mhòr ann le suailichean cho àrd ri 30 troigh nuair a bha clàr-ola ga dhraghadh far costa taobh siar Leòdhais Latha na Sàbaid.

Thuirt Magicseaweed.com a rinn na clàraidhean gum faodadh stoirmean gan t-seòrsa seo tachairt aig àm sa bith dhen bhliadhna, ach gu bheil iad nas comanta air a' gheamhradh.

Tùs an deilbh, magicseaweed.com
Fo-thiotal an deilbh,
Suaile na mara aig 1800 Latha na Sàbaid
Tùs an deilbh, magicseaweed.com
Fo-thiotal an deilbh,
Suaile na mara aig 0900, 2100 Latha na Sàbaid agus 0000 Diluain.

Tha na dathan oraind agus dearg sna clàran a' sealltainn far an robh suailichean cho àrd ri 30 troigh.

Dh'fhoillsich Oifis na Sìde rabhadh buidhe Latha na Sàbaid ag iarraidh air daoine a bhith mothachail gu robh gaoth làidir gu bhith ann.

Ceistean

Tha ceistean ann fhathast mu mar a thachair an tubaist, agus Rùnaire Chomann Iasgairean nan Eilean Siar ag ràdh nach eil coltas ann gun deach measadh chunnartan ceart a dhèanamh air a bhith a' gluasad an Transocean Winner an iar air na h-eileanan.

Thuirt Donnchadh MacAonghais nach biodh bàta-slaodaidh sa Chuan Sgìth air an clàr-ola a chumail bho bhith a' dol air na sgeirean.

'S e a tha esan a' moladh ach soithichean agus luchdan dhen t-seòrsa sin a chur tron Chuan Sgìth - le pìleat air bòrd.

"Nam biodh iad air measadh chunnartan a dhèanamh cha bhiodh iad a chaoidh air a dhol a-mach gun an iar leis an aimsir a bha fios aca a bha a' tighinn le aon tug a' slaodadh siud agus saoilidh mi gur e sin tè dha na ceistean a dh'fheumar fhaighneachd, carson nach robh measadh chunnartan ceart air a dhèanamh.

"A' coimhead a' dol tron Chuan Sgìth, tha e tòrr nas fhasgadh sa Chuan Sgìth na tha e a-muigh air an iar agus ma dh'fheumas iad pìleat a ghabhail sìos agus eithrichean a bhiodh a' dol suas tron Chuain Sgìth, bhiodh e tòrr na bu shàbhailte agus bhiodh nas lugha chunnartan ann dhan h-uile duine", thuirt e.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Dealbhan dhan Transocean Winner

Droch shìde

Chaidh tilleadh eòlaichean bho Transocean agus uidheamachd a Dhail Mòr airson taic a chuir ris an oidhirp dèiligeadh ris a' chrann.

Bha luchd-sgrudaidh an dòchas faighinn air bòrd Diardaoin ach chuir an droch shìde maill air a sin.

Tha bàtaichean air an casg bho a bhith a' dol càil nas fhaisg na 300 meatair air a' chlàr-ola.

Chuir bhuidheann suidheachaidhean èiginn nan Eilean Siar, WIEPCG, ìmpidh air daoine fuireach air falbh bhon sgìre.

Dh'iarr iad air daoine gun a bhith a' fàgail an càraichean air oir a' phrìomh rathaid, gun a bhith a' coiseachd air talamh cunnartach agus gun a bhith a' cur dragh air beathaichean, gu sònraichte ann an Dail Beag.

Tha an rathad tro Dhail Mòr dùinte ach a mhàin do charbadan èiginn agus do dhaoine a tha a' fuireach sa sgìre.

Tùs an deilbh, MCA