Mì-thoileachas mu cho-chomhairle adhair

Pleana

Tha comhairlichean Bharraigh agus Bhatarsaigh air fad air mì-thoileachas a nochdadh nach deach coinneamh a chur air dòigh san sgìre mar phàirt de cho-chomhairle air seirbheisean adhair nan Eilean Siar.

Thuirt fear dhuibh gu bheil an gnothach a' sealltainn gu bheil feum air dòigh ùr air ionmhas Comhairle nan Eilean Siar a roinn.

Chaidh an ceòl air feadh na fidhle nuair a sgaoil Comhairle nan Eilean Siar fiosrachadh mu choinneamhan co-chomhairle an ath-sheachdain.

Thuirt iad gur e cothrom a bhiodh ann dhan phoball am beachd a thoirt air seirbheisean adhair eadar na h-eileanan.

Bidh na coinneamhan ann am Baile a' Mhanaich Diciadain is ann an Steòrnabhagh Diardaoin.

Dh'fhàg sin an fhearg air a' chomhairliche Dòmhnall Manford, is e a' faighneachd carson nach bi coinneamh ann am Barraigh no Bhatarsaigh.

Taic

Chuir na comhairlichean eile ann an Uard Bharraigh, Bhatarsaigh, Èirisgeigh agus Uibhist a Deas - Raghnall MacFhionghuin, Dàibhidh Blaney agus Donnie Steele - taic ri Mgr Manford.

Chaidh seirbheisean adhair a rinn ceangal eadar Barraigh agus an còrr de na h-Eileanan Siar a ghearradh roimhe mar phàirt de shàbhalaidhean a rinn Comhairle nan Eilean Siar.

Chaidh seirbheisean eadar Beinn na Fadhla agus Steòrnabhagh a lùghdachadh cuideachd.

"Tha comhairle a thug air falbh seirbheisean adhair Uibhist is Bharraigh a-nise ag ràdh gu bheil iad 'son conaltadh a dhèanamh ach gun bruidhinn ris an fheadhainn aig cridhe na cùise", thuirt an Comh. Manford.

"Chan eil sin ach a' dèanamh culaidh-mhaghaidh dha na daoine, culaidh-mhaghaidh dhuibh fhèin", thuirt e.

Follaiseach

Thuirt an Comh. Manford gu bheil e gu math follaiseach gum bu chòir coinneamh a bhith ann am Barraigh.

Dh'innis e, ge-tà, gu bheil e den bheachd gu bheil an gnothach a-nise air a dhol seachad air ceist na coinneimh a-mhàin.

"Mura h-eil a' chomhairle seo - rud nach eil thuige seo - comasach air seirbheisean a dhèanamh dha na h-Eileanan an Iar, tha an t-àm aig an Riaghaltas an t-ionmhas a chur dha na h-eileanan aig deas, an t-ionmhas a tha iad fhèin airidh air a dhol gu Uibhist agus Barraigh, agus gu bheil sinn cothromach air sinn fhèin a riaghladh,

"Tha còir aig a' chomhairle sùil a thoirt orra fhèin agus faicinn dè tha iad a' dèanamh orra fhèin agus air na h-Eileanan an Iar.

"Tha còir againn a bhith a' bruidhinn gu fosgailte is gu h-onorach ris an Riaghaltas. An t-ionmhas a tha a' dol gu aon àite airson na h-eileanan air fad, feumaidh e a bhith air a bhristeadh suas agus a dhol dha na h-eileanan eadar-dhealaichte", thuirt e.

Co-luadar

Thuirt neach-labhairt bhon ùghdarras ionadail gun do dh'aontaich a' chomhairle gum biodh coinneamhan ann an Steòrnabhagh agus Beinn na Fadhla mar phàirt dhan cho-luadar air na seirbheisean adhair.

"Chaidh iarraidh air a' bhuidheann neo-eisimeileach a tha a' dèanamh a' cho-chomhairle conaltradh a dhèanamh le na comhairlichean air fad, Comunn Comhairlean Coimhearsnachd Uibhist, Comhairle Choimhearsnachd a' Bhagh a Tuath agus Comhairle Bhagh a' Chaisteil agus Bhatarsaigh.

"Bha còmhraidhean feumail aca le Comunn Comhairlean Coimhearsnachd Uibhist nuair a choinnich iad Diciadain.

"A thuilleadh air a sin, tha a' chomhairle - cuide ri diofar bhuidhnean, Loganair nam measg - a' leantainn oirre a' coimhead ri diofar dhòighean air an t-seirbheis eadar Barraigh agus Glaschu a dhèanamh nas fheàrr, ann an dòigh a tha coltach ri na chaidh a mholadh roimhe le muinntir Bharraigh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile