Clàr-ola
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Aodion deisel bho chlàr-ola Leòdhais

11 An Lùnasdal 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha riochdaire an Riaghaltais a tha a' dèiligeadh ris a' chlàr-ola a chaidh air tìr air taobh siar Leòdhais Diluain ag ràdh gun deach an còigeamh cuid dhan diesel a bh'air bòrd a chall, nuair a sgàin dà thanca-stòraidh.

Bha iad a' feuchainn ri sgioba-saoraidh a chuir air bòrd fad an là an-diugh - ach tha e coltach a-nis gum faodadh e co-dhiù mìos a thoirt mus teid feuchainn ris a' chlàr a ghluasad.

Tha dragh cuideachd air na tha an-sàs ann mun a bhuaidh a bheir an t-sìde orra agus dùil ri geile a-nochd.

Seo Aonghas Dòmhnallach.