Oidhirp ùr a dhol air an Transocean Winner

  • Air fhoillseachadh
Fo-thiotal a’ bhidio,

Dealbhan dhan Transocean Winner

Thèid oidhirp ùr a dhèanamh Dihaoine sgioba de dh'eòlaichan a chur air bòrd an Transocean Winner airson tuilleadh rannsachaidh a dhèanamh.

Dh'fhàg an t-sìde Diardaoin nach d'fhuair iad air bòrd.

Bha dragh ann gum faodadh droch shìde oidhche Dhiardaoin buaidh a thoirt air a' chlàr-ola.

Tha e fhathast, ge-tà, fhathast air na sgeirean far an tàinig e air tìr.

Ma gheibh an sgioba-saoraidh air bòrd, nì iad sgrùdadh air na tancaichean stòraidh.

Chaidh dearbhadh gun deach co-dhiù 50 tonna diesel dhan mhuir mar thà nuair a bhrist feadhainn de na tancaichean.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Aonghas Dòmhnallach le aithis mun chlàr-ola air Aithris na Maidne Dihaoine.

Thathas a' tuigsinn gu bheil an connadh sin a-nise air a dhol ma sgaoil.

Chaidh tancaichean bùirn balaist a bhristeadh cuideachd, is tha feum air rannsachadh orrasan feuch dè cho comasach sa tha an clàr aig an ìre seo a bhith air a chur air ais gu muir.

Tha dùil aig an ìre seo gun toir e grunn sheachdainnean mus bi oidhirp ann sin a dhèanamh.

Thèid barrachd fiosrachaidh a thort dhan choimhearsnachd aig coinneimh phoblaich an ath-sheachdain.

Tha Comann Coimhearsnachd Chàrlabhaigh air coinneamh a chur air dòigh aig 7.30f ann an Ionad Coimhearsnachd Chàrlabhaigh.

Tha dragh air a' bhuidhinn mun chunnart dhan àrainneachd, is tha iad air cuireadh a thoirt dhan fheadhainn a tha an sàs san iomairt a thighinn dhan choinneimh gus fiosrachadh a thoirt dhaibh.

Bidh coinneamh cuideachd gu sònraichte dha daoine ann an Dail Mòr fhèin oidhche Haoine.