BBC Naidheachdan

Rathad an A830 air fosgladh gu ìre

Published
image copyrightEile
Tha an rathad eadar Malaig agus an Gearasdan air fosgladh gu ìre às dèidh maoim-slèibhe Diardaoin.
Thachair a' mhaoim-slèibhe mu 18:00 Diardaoin, beagan an ear air Loch Ailleart.
Thuirt BEAR Alba gun deach tòiseachadh air A830 a sgioblachadh aig 06.00m Dihaoine, agus chaidh fhosgladh gu ìre feasgar Dihaoine.
Thuirt ScotRail nach eil coltas ann gum fosgail an loidhne-rèile gu feasgar Disathairne aig a' char as tràithe.