'Urras Coimhearsnachd' a dhìth 'son na Gàidhlig

Leòdhas

Bu chòir urras a stèidheachadh airson suidheachadh na Gàidhlig a neartachadh aig ìre na coimhearsnachd, a rèir eòlaiche cànain.

Tha an t-Ollamh Conchúr Ó Giollagáin, a tha na stiùiriche air a' bhuidhinn rannsachaidh Soillse, ag ràdh nach eil na poileasaidhean a th' ann an-dràsta a thaobh na Gàidhlig a' freagairt air suidheachadh nan coimhearsnachdan far an robh an cànan bho thùs làidir.

Chan e seo a' chiad turas a thog e dragh mu phoileasaidhean na Gàidhlig.

Thuirt e roimhe gu bheil na buidhnean Gàidhlig a' feuchainn ri luchd-labhairt ùr a chruthachadh tro fhoghlam, gun aire a thoirt dha na coimhearsnachdan.

Fad às

Tha e a' cumail a-mach gu bheil coimhearsnachdan a' faireachdainn gu bheil ro-innleachan is poileasaidhean Gàidhlig fad às bhuapa.

Feumaidh rudeigin a dhèanamh dha na coimhearsnachdan, thuirt e, no cha bhi ann ach luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig air a' cheann thall.

"Tha mi a' moladh gum bi taic speisealta airson nan teaghlaichean Gàidhlig - agus gun cuir sinn urras coimhearsnachd air dòigh airson gum bi buannachd dha na coimhearsnachdan Gàidhlig", thuirt an t-Ollamh Ó Giollagáin.

"Feumaidh structar a bhith ann airson taic a thoirt dha na daoine, is chan eil e soilleir a bheil structar taiceil ann dha na coimhearsnachdan mar a tha e", thuirt e.

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Màiri NicAonghais, Donnchadh Fearghasdan, agus Anna NicSuain a' deasbad nam molaidhean.

Thuirt an t-Ollamh Ó Giollagáin gur e seòrsa de cho-bhanntachd a bhiodh sa bhuidhinn, is gum biodh e na phàirt de ro-innleachd ùr le cuideam a bharrachd air a' choimhearsnachd.

"Tha mi a' moladh gun deadh na h-ùghdarrasan ionadail ri chèile còmhla ri Bòrd na Gàidhlig agus Riaghaltas na h-Alba.

"Tha e gu math cudromach gum bi ceannardan Gàidhlig a' tighinn a-mach bho na coimhearsnachdan Gàidhlig", thuirt e.

Chuir an t-Ollamh Ó Giollagáin a bheachd air adhart aig Comhairle na Gàidhealtachd Diardaoin.

Taic

A' bruidhinn às dèidh làimhe, thuirt an Comh. Hamish Friseal, Cathraiche Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig, gun cuireadh iad taic ris a' mholadh.

Thuirt an Comh. Friseal gu bheil co-obrachadh den leithid seo a' dol mar thà, ach ghabh e ris gun gabhadh leasachadh a thoirt air.

Thog e ceist, ge-tà, mu ionmhas.

"Tha e gu math doirbh san aimsir a th' againn an-diugh, chan eil an t-ionmhas againn, is chì sinn ciamar a thig airgead no ionmhas sam bith a bharrachd a-mach às an Riaghaltas.

"Bhiodh a' chomhairle seo agus tha mi a' creidsinn a h-uile comhairle eile a tha an lùib na Gàidhlig gu math deònach seo a chur air adhart", thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile