Càrlabhagh ag amas air eachdraidh
- Air fhoillseachadh

Feuchaidh Càrlabhagh ri eachdraidh a dhèanamh dhaibh fhèin oidhche Haoine le Cupa Eilein an Fhraoich a bhuannachadh son a' chiad uair.
Ged a bha iad sa chuairt dheireannaich tric bho chionn ghoirid, chan eil iad fhathast air an cupa ainmeil a thogail.
'S e faochadh a bhios ann dhaibh nach ann an aghaidh nan nàbaidhean aca, an Taobh Siar, a tha iad, is grèim làidir aig na Siaraich air an fharpais seo anns na beagan bhliadhnaichean a chaidh.
Tha treis bho shoirbhich na Lochan.
Tha naoi bliadhna ann a-nise bho bhuannaich iad an fharpais mu dheireadh.
Atharrachadh
Mar as àbhaist ann an Cupa Eilein an Fhraoich, thig atharrachadh air na sgiobaidhean.
Tha iad le chèile a' call chuid a tha a' cluich dhaibh sa chumantas, ach thig leithid John 'Uig' Moireasdan is Jack MacIllinnein a-steach do Chàrlabhagh, is Ross Allison is Gordan MacÌomhair am measg an fheadhainn a thig a-steach 'son na Lochan.
Bidh an geama ann aig a' Chreagan Dubh ann an Liùrbost, dachaidh na Lochan.
Seo a' chiad turas a bhios an geama mòr an sin, is tòisichidh e aig 7f.