Luchd-smàlaidh aig Port-adhair Inbhir Nis
- Air fhoillseachadh

Chaidh na seirbheisean èiginn a ghairm gu Port-adhair Inbhir Nis Dihaoine às dèidh aithris gun robh teine air pleana.
Chaidh sgiobaidhean smàlaidh bho Inbhir Nis agus Inbhir Narainn dhan phort-adhair goirid às dèidh 10.00m airson taic a chur ri sgioba a' phuirt-adhair.
Thuirt fear-labhairt bho HIAL gun do chuir pìleat fios orra gun robh trioblaidean teicnigeach air a' phleana Citation 750 aige.
B' e pleana prìbhideach a bh' ann, a bha a' dèanamh deiseil airson falbh le còignear air bord.
Thuirt HIAL gun robh an gnothach seachad ro 11.00m is gun do dh'fhalbh na seirbheisean èiginn.
Cha deach duine a ghoirteachadh.
Tha sgrùdadh a-nise ga dhèanamh air a' phleana.