Sgioba air bòrd an Transocean Winner
- Air fhoillseachadh
Dealbhan dhan Transocean Winner
Chaidh sgioba a chuir air bòrd an Transocean Winner Là na Sàbaid a nì measadh air stait a' chlàir a chaidh air na creagan aig Dàil Mòr air taobh siar Leòdhais bho chionn seachdainn.
Le cuideachadh bho sgioba sreap, rinn buidheann de dh'ochdnar a' chùis air faighinn suas chun an deac mu cheud troigh os cionn na mara.
Bidh iad a' feuchainn ri cumhachd an dealain fhaighinn air ais airson siostaman a' chlàir fhein a chuir a dhol a-rithist, agus an tuilleadh sgrùdaidh a dheanamh air a' mhilleadh a chaidh a dhèanamh air a' chlàr nuair a chaidh e air na creagan.
Tha bàta cuideachd a' sgrùdadh grunnd na mara, feuch dè an t-slighe bu shàbhailte airson a thoirt a-mach ma thèid aca air a' chlàr a chuir air bhog a-rithist.
Thàinig heileacoptair à Sasainn Là na Sàbaid, agus tha t' eile a' tighinn às an Spàinn airson cuideachadh le bhith toirt uidheamachd a-mach chun a' chlàir ma tha feum air.
Tha iad cuideachd air loidhne ueir a dhèanamh ri tìr, gus an gabh luchdan nas aotruime a chuir air ais 's air adhart.
Thuirt riochdaire Riaghaltas Westminster Ùisdean Seathach, gur e adhartas math a bha seo, ach nach eil esan a' sùileachadh gun gabhadh an clàr a ghluasad ro dheireadh na mìos aig a' char as tràithe.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh12 An Lùnastal 2016
- Air fhoillseachadh11 An Lùnastal 2016
- Air fhoillseachadh10 An Lùnastal 2016