Gàirdeachas ann an Càrlabhagh

  • Air fhoillseachadh
CàrlabhaghTùs an deilbh, Sgioba Chàrlabhaigh

Rinn sgioba Chàrlabhaigh eachdraidh is iad a' buannachadh Chupa Eilein an Fhraoich 'son a' chiad uair.

Ged a bha Càrlabhagh sa chuairt dheireannaich tric bho chionn ghoirid, cha robh iad a-riamh air an cupa ainmeil a thogail.

Bha dùbhlan aca is iad a' cluich na Lochan air a' phàirc aca fhèin aig a' Chreagan Dubh ann an Liùrbost.

Bha Càrlabhagh air thoiseach 1-0 aig letheach slighe, an tadhal a' tighinn bho Aonghas Grannd.

Targaid

Tha Jim O'Donnell air a bhith am measg nan tadhal dha na Lochan am-bliadhna is bha e air an targaid dìreach às dèidh uair a thìde gus an geama fhàgail co-ionnan 1-1.

Gu mì-fhortanach dha na Lochan, chuir iad am ball dhan lìon aca fhèin cha mhòr sa bhad is Càrlabhagh air thoiseach a-rithist.

'S dòcha gun robh Càrlabhagh den bheachd gun robh fortan leotha a-nise, is chaidh iad 3-1 air thoiseach air 70 mionaid le oidhirp bho astair bho Eachainn Miller.

Thàinig fear eile bho Choinneach 'Dokus' Dòmhnallach is bha an geama seachad aig 4-1.

Chum na Lochan a' dol is le trì mionaid air fhàgail chuir Raibeart MacCoinnich tadhal gus an geama fhàgail aig 4-2.

Iongantach

Sin mar a chrìochnaich e, is seachdain iongantach nuair a bha Càrlabhagh air feadh nan naidheachdan air sgàth a' chlàr-ola aig Dail Mòr a' tighinn gu ceann le Cupa Eilein an Fhraoich mu dheireadh thall a' dol air ais dhan bhaile.

Sin aona chlàr co-dhui a bha muinntir an àite gu mòr ag iarraidh.

Chaidh Eachainn Miller ainmeachadh mar shàr chluicheadair na h-oidhche.

Bidh aire na Lochan a-nise air an lìog is air Cupa Leòdhais.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh