Bàs air an A9

  • Air fhoillseachadh

Bhàsaich fireannach ann an tubaist-rathaid air an A9 faisg air Dòrnach tràth madainn Diluain.

Chaidh fios a chuir air na poilis mu 0230m agus chaidh an duine fhaighinn marbh aig an làraich.

Bha an rathad dùinte fad grunn uairean a thìde às dèidh na tubaist.

Tha na poilis ag iarraidh air duine sam bith a chunnaic fireannach a' coiseachd air an A9 tràth sa mhadainn brath a chuir thuca.