Ionad ùr an Tolastadh bho Thuath

  • Air fhoillseachadh
Tolastadh bho Thuath
Fo-thiotal an deilbh,
Tha Tolastadh bho Thuath a' tàladh mòran luchd-turais

Tha muinntir Tholastaidh bho Thuath ann an Leòdhas a' cur romhpa ionad a thogail anns am bi rùm gu leòr airson nam buidhnean coimhearsnachd gu lèir a thuilleadh air goireasan do luchd-turais.

Ged a tha tràighean na sgìre a' tàladh mòran luchd-turais gach bliadhna, chan eil àite ann an-dràsta far am faighear cupan teatha.

Thèid bùth agus oifis-puist a' bhaile cuideachd a ghluasad dhan togalach ùr.

Luchd-turais

Tha Dòmhnall Moireach bho Chomann Eachdraidh Tholastaidh bho Thuath dhen bheachd gu bheil feum air goireasan do luchd-turais.

"Mar a tha e an-dràsta tha a h-uile càil a tha sin a' dol tro Tholastadh chun nan tràighean agus a' falbh air ais a-rithist agus chan eil àite ann far am faigh thu cupan cofaidh."

A thuilleadh air café bidh cuideachd frasan anns an ionad agus goireasan nigheadaireachd dhan fheadhainn a tha a' campachadh anns a' bhaile.

Chaidh àite a thaghadh mu choinneamh a' chuimhneachain chogaidh airson an ionaid ùir.

Tha dùil gun tèid pàigheadh air a shon le airgead poblach agus le teachd a-steach bho chrann-gaoithe a' bhaile.