Dàil air fosgladh an tùr a' tuath
- Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, Comhairle na Gàidhealtachd
Tha an tùr ga leasachadh mar àite do luchd-turais
Tha clachaireachd a tha tuiteam às a chèile a' cur dàil air a bhith a' fosgladh an tùr a' tuath aig Caisteal Inbhir Nis.
Tha an t-àite ga leasachadh mar ghoireas do luchd-turais far am faicear seallaidhean dhen bhaile.
Feumar a-nis laigsean anns na clachan a chàradh mus gabh an tùr fhosgladh dhan phoball.
Bha dùil gun deigheadh an tùr fhosgladh anns an Dàmhair ach chaidh sin a chuir dheth a-nis chun Dùbhlachd.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 18 An t-Samhain 2014
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh