Fèis a' Chlò Hearaich

Harris Tweed label Image copyright Other
Image caption 'S e an Roinn Eòrpa tè de phrìomh mhargaidhean a' Chlò Hearaich

Chaidh soirbheachas a' Chlò Mhòir anns na beagan bhliadhnaichean a dh'fhalbh a chomharrachadh aig Là Fèis a' Chlò Hearaich ann an Steòrnabhagh Disathairne.

Tha Ùghdarras a' Chlò Hearaich a' dèanamh dheth gu bheil an gnìomhachas a' cumail cosnaidh ri suas ri 400 duine.

Tha Mairead Anna NicLeòid os cionn mhargaidheachd le Clò Mòr Innse Gall aig a bheil Muileann Shiaboist, 's tha ise ag ràdh gur ann a tha iadsan a' faicinn fàs bho bhliadhna gu bliadhna.

"Tha sinn air a bhith a' fàs a h-uile bliadhna bho 2007 - rud beag a h-uile bliadhna.

"An-dràsta tha còrr air 24 duine ag obair anns a' mhuilinn ann an Siabost, tha sinn a' cur clòithean a-mach gu barrachd air 100 breabadair air feadh Leòdhais agus na Hearadh so, bhon t-sealladh againne, tha sinn gu math trang 's tha sinn an dòchas gun cùm sin a' dol".

Bhòt an Aonaidh Eòrpaich

'S ann ri tìr-mòr na Roinn Eòrpa as motha a tha an clò ga reic, agus chan eil e soilleir fhathast dè a' bhuaidh a bheir am bhòt airson an Aonadh Eorpach fhàgail air a' ghnìomhachas.

Tha Iar-chathraiche Ùghdarras a' Chlò Hearaich, Alasdair MacLeòid, ag ràdh gur e a' mhì-chinnt a tha a' dèanamh cùisean nas duilghe dhaibh.

"An rud as miosa mu dheidhinn suidheachadh mar "Brexit" 's e a' mhì-chinnt a tha e ag adhbharachadh - agus tha mì-chinnt ag adhbharachadh mì-chinnt."

A-rèir Mghr MhicLeòid chan eil coltas ann aig an ìre-sa gu bheil buil referendum an EU air mòran diofar a dhèanamh ach 's e na thachras anns an ùine a tha romhainn a dhearbhas sin thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile