Ceanglaichean nas dlùithe a dhìth?

Bòrd na Gàidhlig
Image caption Bha am Bòrd a' freagairt beachd an eòlaiche chànain an t-Ollamh Conchúr Ó Giollagáin

Tha Bòrd na Gàidhlig ag ràdh gur dòcha nach eil ceanglaichean eadar foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, Gàidhlig san dachaigh agus anns a' choimhearsnachd cho làidir 's a dh'fhaodadh iad a bhith.

Bha am Bòrd a' freagairt beachd an eòlaiche chànain, an t-Ollamh Conchúr Ó Giollagáin, a mhol urras a stèidheachadh airson suidheachadh na Gàidhlig a neartachadh aig ìre na coimhearsnachd.

Tha an t-Oll. Ó Giollagáin, a tha na stiùiriche air a' bhuidhinn rannsachaidh Soillse, ag ràdh nach eil na poileasaidhean a th'ann an-dràsta a thaobh na Gàidhlig a' freagairt air suidheachadh nan coimhearsnachdan far an robh an cànan bho thùs làidir.

Beachd nan coimhearsnachdan

Thuirt Leasaiche Cànain Bhòrd na Gàidhlig, Dàibhidh Boag, gur ann aig na coimhearsnachdan fhèin as fheàrr a tha fios dè tha dhìth airson a' Ghàidhlig a neartachadh anns na sgìrean aca fhèin, agus gu bheil iad deònach èisteachd ri na beachdan aca.

"Tha sinn mar-thà a' bruidhinn ri iomadh seòrsa choimhearsnachd - tha sinne mar Bhòrd tuilleadh 's deònach bruidhinn 's a bhith ag èisteachd ri coimhearsnachdan - dè tha iad a' faireachdainn an doìgh as fheàrr air adhart airson Gàidhlig a bhrosnachadh agus Gàidhlig a neartachadh anns an sgìre aca fhèin.

"Tha mi a' faicinn buannachd le bhith a' neartachadh an t-suidheachaidh aig ìre coimhearsnachd far a bheil an ceangal eadar dachaigh, foghlam agus a' choimhearsnachd fhèin - tha tòrr a' dol an-dràsta anns gach pàirt dhen triantan sin ach tha 's docha argamaid ann airson nan ceanglaichean eadar na pìosan sin a neartachadh.

"Chan eil mi buileach cinnteach mu dheidhinn structar nàiseanta airson sin ach tha mi a' faicinn buannachd aig ìre ionadail airson suidheachadh ionadail a neartachadh."

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile