Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

15 An Lùnasdal 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Transocean Winner

Tha làn sgrùdadh a' tòiseachadh an-diugh air a' chlàr ola a th'air na creagan air taobh siar Leòdhais. Fhuair sgioba air bòrd an Transocean Winner an-dè an dèidh do dhroch shìde a bhi a' cur maill orra. Tha loighne aca a-niste eadar an clàr agus tìr agus tha bàta air a bhith a' sgrùdadh ghrunnd na mara airson na slighe as fheàrr air an gabh i a tarraing air ais gu muir.

Bàs air an A9

Tha polais a' rannsachadh bàs duine anns an do bhual càr air an A9 faisg air Dòrnach tràth sa mhadainn an-diugh. Tha an A9 dùinte fhad 's a tha rannsachadh a' dol air adhart agus tha na polais airson cluinntin bho dhuine sam bith a chunnaic duine a' coiseachd air an rathad aig an àm sin.

Samia Shahid

Thuirt polais ann am Pacastan gun do dh'aidich fear gur e a mhurt a bhean a bha aige, a bhoineadh do Bhreatainn. Thuirt Mohamed Shakeel gun do thachd e Samia Shahid à Bradford nuair a bha i a' fuireach còmhla ri càirdean ann sgìre Punjab. Bha e ron a seo a' dol às àicheadh gun do mhurt e i agus bha a teaghlach a' cumail a-mach gur e bàs nàdarra a thàinig oirre.

Stòrasan Peinnsean

Tha Comann Luchd Àrachais Bhreatainn ag ràdh gu bheil feadhainn a' tarraing cus airgid à stòras a' pheinsein aca agus gu bheil cunnart ann gum bi iad gann de dh'airgead nan seann aois. Tha na riaghailtean ùra, a thàinig gu bith an uiridh, a' ciallachadh gu faod feadhainn a tha nas sine na leth cheud 's a còig an rud a thogras iad a dhèanamh leis an airgead a tha iad air a' shàbhaladh ann am peinsean.

NHS Shasainn

Tha Owen Mac a' Ghobhainn, a tha a' seasamh an aghaidh Jeremy Corbyn airson ceannas a' Phàrtaidh Labaraich, a' fàgail air Riaghaltas na Rioghachd Aonaichte gu bheil plana diomhair aca airson an NHS ann an Sasainn a chur dhan a roinn phriobhaidich. Thuirt Roinn na Slàinte gu bheil iad a' cumail ri brìgh agus bunaitean an NHS agus a' cuir tuilleadh airgid ri buidseat na slàinte.

Ceanglaichean Gàidhlig

Dh'aidich Bòrd na Gàidhlig gur dòcha nach eil ceanglaichean eadar foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, Gàidhlig san dachaigh agus anns a' choimhearsnachd cho làidir 's a dh'fhaodadh. Bha am Bòrd a' feagairt beachd gu bheil roi-innleachd ùr a dhìth ma tha a' Ghàidhlig gu bhith buan anns a' choimhearsnachd. Tha an t-eòlaiche cànain, an t-Ollamh Conchúr Ó Giollagáin, ag ràdh gum bu chòir urras a stèidheachadh airson suidheachadh na Gàidhlig a neartachadh aig ìre na coimhearsnachd, agus tha Leasaiche Cànain Bhòrd na Gàidhlig, Dàibhidh Boag, ag ràdh gur fhiach beachdachadh air a sin.