Iomairt gus an Transocean Winner a thoirt air falbh a' leantainn

Leanaidh obair aig a' chlàr-ola a chaidh air tìr far thaobh siar Leòdhais Dimàirt is dùil gun tòisich heileacoptairean air stuthan a thoirt a-mach chun sgioba air an Transocean Winner.

Thuirt seirbhis nam maor-cladaich gu bheil ceithir duine deug a-nis air a' chlàr.

Thòisich làn sgrùdadh air staid a' chlàir Diluain, agus ullachadh feuch an gabh connadh a ghluasad bho thancaichean fon uisge, gu feadhainn dìonach nas àirde sa chlàr.

Aig a' cheart àm, thuirt Ball-Pàrlamaid Albannach nan Eilean Siar gun cuir e taic ri iasgairean thaobh siar Leòdhais a tha a' sireadh airgead dìolaidh bhon chompanaidh leis a bheil an clàr-ola a chaidh air tìr ann an Dail Mòr.

Bha Alasdair Allan a' bruidhinn às dèidh coinneimh ann an Càrlabhagh Oidhche Luain, a chuala gum faodadh iasgairean nan giomach gu h-àraidh na mìltean notaichean san t-seachdain a chall air sgàth an t-suidheachaidh agus nach eil cead aca a bhith ag obair anns na làraich àbhaisteach aca.