Coinneamh mu aiseagan Ìle

MV Finlaggan

Thèid coinneamh a chumail ann an Ìle a dheasbad seirbheisean aiseig an eilein às dèidh còrr is cealla-deug de throimh-chèile.

Leis gun robh a Hebridean Isles air falbh ga càradh, cha robh ach aon bhàta, am Finlaggan, air an t-seirbheis agus cha robh pàirt de dheic nan càraichean ag obair.

Thuirt fear de bhuill na sgìre ann am Parlamaid na h-Alba, Mìcheal Russell gu bheil e fhèin agus Comataidh Aiseagan Comhairle Choimhearsnachd Ile a' cur rompa a' choinneamh a chumail anns an Damhair le cuireadh ga thoirt do ChalMac, Riaghaltas na h-Alba agus Còmhdhail Alba.