Corp fireannaich ga lorg ann an Cataibh
- Published
image copyrightPolice Scotland
Chaidh corp fireannaich a lorg as deidh do dhuine a dhol a dhìth bho dhachaigh ann an Drochaid a' Bhanna.
Bha iomairt mhòr a' dol gus lorg fhaighinn air Peadar Ripley, 60, a chaidh fhaicinn mu dheireadh oidhche na Sàbaid.
Ged nach deach a dhearbhadh gu oifigeil, chaidh innse dha teaghlach Mhgr Ripley gun deach corp a lorg ann an sgìre Dhrochaid a' Bhanna.
Bha na poilis uabhasach draghail mu dhèidhinn is e air falbh gun na cungaidhean leigheis aige.