Slaic air Fear-gairm a' Choimisein

  • Air fhoillseachadh
Coimisean na Croitearachd

Thug Riaghaltas na h-Alba slaic làidir air fear-gairm Choimisean na Croitearachd, is iad ag ràdh nach eil iad idir ag aontachadh ris an t-seasamh a ghabh e mu chomataidhean ionaltraidh.

Bha am beachd sin mu stòras ionmhais chomataidhean aig cridhe eas-aonta eadar an Coimisean is dà chomataidh ionaltraidh ann an Leòdhas.

A rèir a' Choimisein, bha an lagh a' ciallachadh gum bu chòir airgead a bhith air a sgaoileadh am measg bhuill nan comataidhean.

Chaidh comataidhean ionaltraidh ann am Mangurstadh is Col Uarach a chur ma sgaoil ri linn deasbaid mun cheist, is constabalan ionaltraidh gan cur nan àite.

Tha am BBC a-nise air litir a chuir Rùnaire nan Cùisean Dùthchail, Fearghas Ewing, gu fear-gairm Choimisean na Croitearachd, Cailean Ceanadach, fhaicinn.

Anns an litir, tha Mgr Ewing ag ràdh nach eil an lagh a' ciallachadh gum feum airgead nam bailtean a sgaoileadh.

Beachd pearsanta

Tha e a' fàgail air Mgr Ceanadach gun do dh'aidich e fhèin gur e a bheachd fhèin a bh' ann gum bu chòir an t-airgead a sgaoileadh, seach beachd Bhòrd Choimisean na Croitearachd.

Thuirt Mgr Ewing gu bheil an Riaghaltas a' faicinn glè bheag de bhrìgh is susbaint ann am beachdan Mhgr Cheanadaich air a' chùis, is gu bheil e follaiseach gu bheil iad a' dol cealg dìreach an aghaidh seasamh an Riaghaltais.

Thuirt Mgr Ewing gu bheil iomagain air gur dòcha gun deach co-dhùnaidhean a ghabhail le Coimisean na Croitearachd gun chead a' bhùird.

Dh'iarr Mgr Ewing air Coimisean na Croitearachd mìneachadh cho luath sa ghabhas dè dìreach an seasamh a th' aca mar bhuidhinn air a' cheist.

Thuirt e gum bu chòir dhan bhuidhinn fios a chur air às dèidh coinneimh a bhios aca Diciadain.

Bun-stèidh

Dh'innis e san litir nach urrainn suidheachadh a bhith ann far a bheil seasamh eadar-dhealaichte air an lagh aig an Riaghaltas agus buidheann phoblach, is nach eil e mothachail air dè a' bhun-stèidh laghail a th' aig a' Choimisean 'son nan co-dhùnaidhean a rinn iad.

Thuirt e, ma 's e agus gun lean cùisean mar a tha iad, gum bi aige ri meòrachadh air dè an ath-cheum a bhios aige.

Thiuirt Cailean Ceanadach gun deach gach do-dhùnadh a dhèanamh le toil a' bhùird air fad.

Thuirt e nach deach bhòt a chumail air na gnothaichean leis gu robh deasbad reusanta ann le aonta air a' cheann thall.

Dh'innis e nach leig e dheth a dhreuchd.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh