Gàidhlig ga deasbad an Obar Dheathain
- Published
Bhòtaidh comhairlichean Obar Dheathain air Plana Gàidhlig na comhairle Diciadain.
Tha deasbad air a bhith a' dol mu dheidhinn às dèidh do chuid de chomairlichean a ràdh gum bu chòir an t-airgead a chosg air gnothaichean eile.
Thog stiùriche ionmhais an ùghdarrais dragh gu sònraichte mu mholaidhean gus Gàidhlig a chur air soidhnichean rathaid a' bhaile.
Thuirt Uilleam Young gum faodadh seo na milleanan de notaichean a chosg.
Gheall e gun dèan e cho beag 's as urrainn taobh a-staigh an lagh gus a' Ghàidhlig a bhrosnachadh.
Ceàrr
Thuirt feadhainn a tha taiceil ris a' phlana gu bheil Mgr Young cho ceàrr sa ghabhas.
Dh'innis iad nach biodh a' Ghàidhlig a' dol air soidhnichean ach nuair a tha feum air an ùrachadh co-dhiù, 's nach bi na cosgaisan ach beag.
Thuirt iad gur e cothrom a tha sa phlana suidheachadh na Gàidhlig anns a' bhaile a leasachadh.
Tha aonad Gàidhlig aig Bun-Sgoil Ghilcomston ann an Obar Dheathain, is tha Gàidhlig cuideachd ga teagasg aig Acadamaidh Hazelhead sa bhaile.
Ghabh Comhairle Obar Dheathain ri dreach phlana mar-thà.
Cha do rinn Bòrd na Gàidhlig ach atharrachaidhean beaga ris, is tha dùil gun tèid gabhail ris a' phlana às dèidh an deasbaid ann an Obar Dheathain Diciadain.