Tubaist bhàsmhor ann an Siorrachd Rois
- Air fhoillseachadh
Bhàsaich boireannach, 63, às dèidh tubaist rathaid ann an Siorrachd Rois.
Bha dà chàr san tubaist air an A835, an iar air cearcall rathaid Bhaile Màiri.
Thachair an tubaist mu 10.30 oidhche Mhàirt.
Bha am boireannach a' siubhail ann am fear de na càraichean.
Chaidh dithis fhireannach a thoirt do dh'Ospadal an Ràthaig Mhòir, ach chan eil iad ann an cunnart am beatha.
Chaidh an rathad fhosgladh às ùr aig 7.15 madainn Diciadain.
Cha deach am boireannach ainmeachadh.