Ceangal às ùr ris an Òban

Lord of the Isles

Tha coltas ann gun tòisich seirbheis aiseig a-rithist eadar Loch Baghasdail agus an t-Òban air a' Gheamhradh.

Stad an t-seirbheis anns a' Mhàirt nuair a thòisich seòlaidhean seachd là san t-seachdain a Mhalaig.

Rinn gu leòr gàirdeachas ri sin, is iomairt a' dol fad bhliadhnaichean gus seirbheis a stèidheachadh eadar Loch Baghasdail is Malaig.

Bha cuid ge-tà, gu h-àraidh croitearan a bha 'son stoc a chur gu Tìr Mòr, a bha ag ionndrainn cheangal an Òbain.

Tha CalMac a-nise air moladh ùr 'son chlàr-ama a' Gheamhraidh a chur gu Còmhdhail Alba.

Fon mholadh, bhiodh aiseag a' dol à Loch Baghasdail dhan Òban Diluain is Dihaoine, is a Mhalaig Diciadain, Disathairne is Didòmhnaich.

Bidh cuideachd seòlaidhean tràth à Loch nam Madadh air an dà là eile.

Feum

Thuirt fear de chomhairlichean Uibhist a Deas, Raghnall MacFhionghain, gu bheil e an dòchas gun dèan am plana ùr feum dhan t-sluagh.

"Bha daoine a' gearain nach robh ceangal againn ris an Òban", thuirt an Comh. MacFhionghain.

"An clàr-ama a th' againn an-dràsta, chan e sin an rud a bha sinn ag iarraidh aig a' chiad dhol a-mach, ach siud an rud a fhuair sinn aig deireadh ghnothaich.

"Tha sinn a' feuchainn ri faighinn air aghaidh is tha CalMac ag èisteachd rinn, is tha iad a' toirt dhuinn seòlaidhean dhan Òban an trup seo", thuirt e.

Tha an tuathanach Tormod MacAsgail, a bhios a' reic biadh stuic, am measg an fheadhainn a thog dragh mun t-suidheachadh.

Deatamach

Thuirt Mgr MacAsgail gu bheil ceangal Mhalaig a' dèanamh feum, ach gu bheil e deatamach dha leithid gum bi seòlaidhean dhan Òban cuideachd.

"Seo na bha a dhìth oirnn. Chaidh a thoirt dhuinn rud nach robh sinn ag iarraidh, is rud a bha sinn ag iarraidh a thoirt bhuainn", thuirt Mgr MacAsgail.

"Tha mi toilichte gu bheil seo air a chur air bhonn aig deireadh an là", thuirt e.

Tha e coltach nach eil an gnothach buileach seachad aig an sin, ge-tà, is Mgr MacAsgail ag ràdh gun lean e air ag iomairt airson seòlaidhean dhan Òban fad na bliadhna.

Tha ceist chlàr-ama a' Gheamhraidh co-dhiù a-nise ann an làmhan Chòmhdhail Alba.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile