Taic dha Plana Gàidhlig Obar Dheathain
- Published
image copyrightBill Harrison / Geograph
Bhòt comhairlichean ann an Obar Dheathain airson taic a chur ri plana Gàidhlig na comhairle.
Bha connspaid air nochdadh mun phlana ro-làimhe is cuid de chomairlichean ag ràdh gum bu chòir an t-airgead a chosg air gnothaichean eile.
Chuir an comhairliche Iain Yuill gluasad air adhart nuair a bha am plana ga dheasbad Diciadain.
Thuirt e gum bu chòir iarraidh air Riaghaltas na h-Alba sgìrean far a bheil glè bheag de dhualchas Ghàidhlig a shaoradh bho dhleasdanas plana Gàidhlig a dheasachadh.
Dh'iarr e gun rachadh dàil air plana Obar Dheathain san eadar-ama.
Cha deach gabhail ris a' ghluasad aige, is bhòt comhairlichean 32-9 gus am plana a chur troimhe.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Published
- 17 An Lùnastal 2016
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh