Dòchas gun tèid an clàr-ola a ghluasad

Clàr-ola

Thathas an dòchas gun tèid feuchainn ris a' chlàr-ola air taobh siar Leòdhais a ghluasad a-mach gu muir aig an deireadh-sheachdain.

Thàinig an Transocean Winner air tìr aig Dail Mòr Diluain seo chaidh.

Chuir droch aimsir maill air obair-sgrùdaidh timcheall air a' chlàr-ola an toiseach, ach tha na sgiobaidhean a tha ag obair air air adhartas mòr a dhèanamh an t-seachdain seo.

Tha sin gam fàgail ann an suidheachadh nas fheàrr.

Deiseil

Dhearbh oifigear an Riaghaltais aig an làraich, Uisdean Seathach, ma tha a h-uile sian deiseil mar bu chòir aig an deireadh-sheachdain, gun dèan iad oidhirp air a' chlàr a chur air ais gu muir.

Bidh làn àrd ann Dihaoine, Disathairne is Didòmhnaich.

Thug Mgr Seathach rabhadh ge-tà, gun chinnt gu bheil a h-uile dad mar bu chòir, gum bi aca ri feitheamh cola-deug eile 'son làn àrd san t-Sultain.

Deasachadh

Leanaidh obair-deasachaidh Diardaoin.

Bidh coinneamh phoblach ann an Càrlabhagh oidhche Dhiardaoin le Uisdean Seathach fhèin, riochdairean bhon chompanaidh Transocean agus luchd-salbhaidh.

Bidh a' choinneamh ann an Ionad Coimhearsnachd Chàrlabhaigh aig 8.00f.