Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

18 An Lùnasdal 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Clàr-ola

Bidh fiosrachadh aig coinneimh phoblaich ann an Càrlabagh a-nochd mun oidhirp air a' chlàr-ola a thoirt far nan creagan aig Tràigh Dhail Mhòir air taobh siar Leòdhais. Tha còrr 's dà cheud duine an sàs ann an obair a niste agus tha coltas ann, ma tha a h-uile dad deiseil agus freagarrach, gun tèid feuchainn ris a' chlàr-ola a thoirt far nan creagan air an deireadh sheachdainn. Mura tachair sin nì iad oidhirp eile air an ath làn-àrd aig toiseach na Sultainne.

Croitearachd

Chuir Coimisean na Croitearachd molaidhean ùr air adhart mu airgead nan comataidhean ionaltraidh a tha air a bhith aig meadhan connspaid eadar an Coimisean agus comataidhean ann an Leòdhas. Tha seo an dèidh do Rùnaire nan Cùisean Dùthchail, Fearghas Ewing, litir a chuir gu fear-gairm a' Choimisean, Cailean Ceanadach, ag ràdh nach eil e ag aontachadh idir ris an dòigh 'san do dhèilig e ris a' chùis. Thuirt Bòrd Stiùiridh a' Choimisein, an deidh coinneimh ann an Inbhir Nis an-dè, gu bheil iad ag aontachadh ris an Riaghaltas.

Bann-leathann

Thuirt Buidheann Sgrùdaidh na h-Alba, ged a tha adhartas ann an seirbheis a' bhainn-leathainn fìor luath a sgaoileadh air feadh Alba, gu bheil dùbhlan fhathast anns na sgìrean iomallach. Agus tha a' Bhuidheann Sgrùdaidh ag ràdh gun toir e gu leòr do Riaghaltas na h-Alba lìonradh didsiteach fìor adhartach a chuir air feadh Alba ro 2020 - an rud air a bheil iad ag amas.

Mi-chothromachd

Tha aithisg ùr ag ràdh gu bheil daoine dubha agus mion-sloigh ann am Breatainn a' fulaing mì-chothromachd mhòr ann an iomadh roinn - mar foghlam, slàinte agus taigheadas. Tha Comisean na Co-ionnnachd agus Còirichean Daonna ag ràdh gu bheil cion chosnaidh cuideachd nas bitheanta a measg nam mion-chinnidhean.

An Tuirc

Chaidh triùir, air a' char as lugha, a mharbhadh agus còrr 's leth-cheud duine a ghoirteachadh ann an ionnsaigh boma air taobh sear na Tuirc. Chaidh boma fhàgail ann an càr aig stèisean poilis agus tha oifigich a' cuir coire air a' bhuidhinn armaichte Chuirdeach, am PKK.

Siria

Tha an cathrannas Amnesty Eadar-nàiseanta ag ràdh gun do chaochail cha mhòr 18,000 duine ann am prìosain an riaghaltais ann an Siria bho thòisich an cogadh sìobhalta an sin bho chionn còig bliadhna. Thuirt Amnesty gu bheil droch dhìol, corparra agus air inntinn, bitheanta air feadh nam prìosan.