"Deatamach" gum bi bàta èiginn ann

MV Finlaggan

Dh'iarr fear de bhuill Earra-Ghàidheal agus Bhòid aig Holyrood gum bi bàta-aiseig a bharrachd air a' chosta an iar 'son a chur an sàs nuair a nochdas trioblaid teigniceach air slighe.

Thànig Mìchael Ruiseal air adhart leis a' bheachd is trioblaidean mòra le aiseagan ann an Ìle bho chionn ghoirid.

Bhuail an MV Hebridean Isles air a' chidhe ann an Ceann na Creige san Iuchar, a' fàgail gur e an MV Finlaggan a-mhàin a bha a' dol eadar Ìle is Tìr Mòr.

Bha trioblaid ann mar thà air deic mezzanine an Finlaggan a' ciallachadh gun tàinig lùghdachadh air an àireamh chàraichean a ghabhas i.

Chuir CalMac am bàta-bathair an MV Red Princess air an t-slighe ach cha ghabh i ach fichead càr agus cha ghabh i luchd-siubhail idir.

Bha gearanan gu leòr ann an Ìle is luchd-gnothachais ag ràdh gum bu chòir dhaibh airgead-dìolaidh fhaighinn.

Tha cuid san eilean mar thà air iarraidh air CalMac plana ùr a stèidheachadh airson dèiligeadh ri suidheachaidhean den leithid.

Bàta èiginn

A rèir Mìchael Ruiseal, bu chòir aiseag a bhith aca deiseil airson a chur an sàs nuair a thig trioblaid am bàrr.

"Tha e deatamach gum bi bàta ri fhaighinn agus tha mi a' smaointinn gu bheil fios aig a h-uile duine air sin", thuirt Mgr Ruiseal.

"Bha roimhe bàta ann nach robh ann an clàr-ama ach chan ann mar sin a tha e a-nise.

"S e trioblaid a tha sin agus nuair a nochdas suidheachadh mar a bh' againn ann an Ìle, feumaidh tu bàta a thoirt far slighe eile. Chan eil sin gu feum nas motha", thuirt e.

Dh'innis Mìchael Ruiseal gu bheil e air coinneamh shònraichte a chur air dòigh gus bruidhinn mun chùis.

Thuirt Còmhdail Alba nach d'fhuair iad cuireadh oifigeil, ach gu bheil iad deònach ann am prionnsabal a bhith aig coinneimh mu sheirbheisean aiseig Ìle.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile